Seachdnar san ospadal an dèidh tubaist le grunn charbadan an Loch Abar

Thachair an tubaist air an A830 sa Chorpaich
- Air fhoillseachadh
Tha na poilis ag ràdh gun deach seachdnar a thoirt dhan ospadal an dèidh tubaist air rathad an A830 faisg air a' Ghearasdan.
Bha grunn charbadan an sàs san tubaist aig a' Chorpaich feasgar Diciadain.
Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm chun na làraich mu 2.15f, nam measg grunn charbadan-eiridin.
Thug iad seachdnar a dh'Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan.
Bha an rathad dùinte airson timcheall air còig uairean de thìde, agus dh'fhosgail e a-rithist mu 7.00f.
Chaidh ceathrar a thoirt dhan ospadal an dèidh tubaist fa leth eadar dà charbad, air an A82 deas air a' Chrìon Làraich, goirid ro mheadhan-là Diciadain.
Chuir Seirbheis Teasairginn is Smàlaidh na h-Alba trì innealan chun na làraich, fear bho Gheamaichean Gàidhealach Chill Fhinn nam measg.
B' fheudar dhaibh neach a ghearradh a-mach às a' charbad san robh iad.
Bha slighean eile a b' urrainn draibhearan a ghabhail fhad 's a bhathar a' dèiligeadh ris an tubaist, agus chaidh an rathad fhosgladh a-rithist mu 7.00f.