Naidheachdan 11:00m
A' Ghrèig
Tha an duine a tha fo amharas gur e a mhurt boireannach à Dùn Èideann sa chùirt san Àithne an-dràsta airson a chur fo chasaidean foirmeil. Chaidh corp Elisabeth Ross, a bha 38 a dh'aois, fhalach ann am màileid ann an seann togalach san Àithne. BUinnidh am fear a tha fo amharas, Sharif Ahmadzai a tha 26 a dh'aois, do dh'Afganastan.
Ceannairc
Bha àrdachadh mòr ann an aithrisean gu prògram Prevent an riaghaltais a tha a' strì ri radaigeachd. Thuirt Oifis na Dùthcha gun robh cha mhòr 10,300 aithris ann air a' bhliadhna dhan t-Sultain an-uiridh. Tha sin cha mhòr 40% a bharrachd air na bh' ann air a' bhliadhna roimhe sin.
An Ucràin
Thuirt oifigich ann an ceann an ear-thuath na h-Ucràin gun do chaill triùir am beatha ann an ionnsaighean Ruiseanach air baile Balakliya. Agus thuirt Mosgo gun tug iad ionnsaigh cuideachd air dà shoitheach Ucràinianach faisg air port Odessa. Tha aithrisean ann gu bheil fìneadair mòr ola faisg air baile Yaroslavl air taobh siar na Ruise na theine an dèidh ionnsaigh dròn Ucràinianach.
Loganair
Bidh làn chlàr de sheirbheisean adhair eadar Inbhir Nis agus Steòrnabhagh agus eadar Inbhir Nis 's Arcaibh 's Sealtainn a' tòiseachadh a-rithist san Dàmhair, le còrr 's millean not bho Riaghaltas na h-Alba. Gheàrr Loganair feadhainn de na seirbheisean sin air a' mhìos a chaidh le mì-chinnt, thuirt iad, mu dè cho seasmhach 's bha iad agus na bha e a' cosg dhaibh a bhith gan ruith.
Fifa
Tha Fifa a' cur taic ris a' cheann-suidhe, Gianni Infantino, ged a dh'aidich esan gur e mearachd a bh' anns a' phlana airson earrannan ann an Cupa na Cruinne a reic. Thuirt Mgr Infantino, a leig às am plana airson còirichean a reic ris an roinn phrìobhaidich, gu bheil e duilich mu na thachair agus nach dèan e na h-aon mhearachdan a-rithist.
Banachdaich
Chaidh deuchainn shoirbheachail a dhèanamh airson a' chiad uair air banachdaich nach fheum stòradh ann an àite fuar. Thuirt luchd-rannsachaidh ann an Southampton gu bheil iad an dòchas gun toir seo leasachadh mòr air prògraman banachdaich air feadh an t-saoghail.