Guthan eileanach gu bhith air an glèidheadh còmhla gu didseatach

Soidhne air slighe Innse Gall aig tràigh air a bheil sgrìobhte Baile nan Cailleach, Nunton, agus an t-astar a tha ri dhol Tùs an deilbh, GÒRDAN WELLS
Fo-thiotal an deilbh,

Tha coimhearsnachdan Innse Gall cleachdte ri sealladh dà-chànanach air am beatha làitheil

  • Air fhoillseachadh

Thèid tasglann didseatach a dhèanamh de chlàraidhean eileanach air feadh an t-saoghail airson dèanamh cinnteach nach tèid an cruinneachadh dualchais a chall.

'S e Guthan nan Eilean pròiseact a thòisich Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) bho chionn 21 bliadhna airson dealbh de bheatha eileanach a ghlacadh.

'S na faclan aca fhèin, tha daoine ag innse an cuid sgeulachdan, a' pàirteachadh an cuid eòlais agus ag aithris air na rudan as cuimhne leotha.

Thuirt Gòrdan Wells, manaidsear Guthan nan Eilean: "Chan e a-mhàin gu bheil e a' taisbeanadh dualchas beul-aithris nan Eilean Siar ach tha e cuideachd a' cruthachadh cheanglaichean làidir le coimhearsnachdan eile."

Am measg na chaidh a chlàradh, tha còrr is 500 bhidio ann an cha mhòr 40 cànan, agus uile gu lèir bidh còrr air 1,000 nì didseatach ann.

Cha ghabh am post YouTube seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air YouTube
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth YouTube.
Leum thairis air bhideo youtube le Island Voices Videos

Cead do stuth YouTube?

Tha stuth Google YouTube an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth YouTube.
Deireadh bhideo youtube le Island Voices Videos

Chaidh bhidio a dhèanamh de na clàraidhean as prìseile sa chruinneachadh agus tha sin ri fhaicinn air-loidhne.

Thuirt Gòrdan Wells: "Tha am film na dhearbhadh air co-obrachadh nan ceudan chom-pàirtichean thar nam bliadhnaichean sa phròiseact choimhearsnachd seo, eadar Uibhist a Tuath agus ear-thuath nan Innseachan agus nas fhaide air falbh.

"Tha sinn an dòchas gun dùisg e cuimhneachain agus ùidh!"

Tha £42,527 a' tighinn bhon Chrannchur Nàiseanta airson an tasglann poblach a chruthachadh, agus tha UHI a' cur £29,955 ris an obair.

Tha dùil ri taisbeanaidhean den stuth aig diofar thachartasan sna h-eileanan agus air tìr-mòr air thoiseach air foillseachadh oifigeil an tasglainn san t-Sultain.