Corp air a lorg an Leòdhas

- Air fhoillseachadh
Fhuaireadh corp ann an iomairt lorg fhaighinn air fireannach a bha a dhìth ann an Leòdhas.
Chaidh an corp a lorg ann an uisge air na Lochan goirid ri 1f Diardaoin.
Ged nach deach aithneachadh oifigeil a dhèanamh fhathast, thuirt Poileas Alba gu bheil iad air fios a chur gu teaghlach Anndra Yearley, 53.
Bha iad nas tràithe Diardaoin air taic an t-sluaigh iarraidh is Mgr Yearley air a dhol a dhìth.
Thuirt Poileas Alba nach eil fios dè dh'adhbhraich am bàs ach nach eil iad an dùil gu bheil dad amharasach mun chùis.
Thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.