17 laigsean an seirbheisean slàinte-inntinn an Ospadal nan Eilean Siar

Soidhne ag ràdh Ospadal nan Eilean
  • Air fhoillseachadh

Tha ìmpidh air NHS nan Eilean Siar piseach a thoirt air 17 roinnean ann an seirbheisean slàinte-inntinn aig prìomh ospadal na sgìre ann an Steòrnabhagh.

Chaidh luchd-sgrùdaidh bho Leasachadh Cùram-Slàinte na h-Alba gu uàrd leighis-inntinn aig Ospadal nan Eilean Siar air an 17mh den Ghearran.

Rinn an aithisg, taobh a-muigh aca moladh air dà roinn, ach thuirt iad gun robh leasachadh a dhìth air roinnean eile - beatha-shàbhaladh èiginneach agus trèanadh gus dèiligeadh ri fòirneart agus troimh-chèile nam measg.

Tha NHS nan Eilean Siar air plana-gnìomha a chur an sàs airson coinneachadh ri na chaidh iarraidh orra.

Fhuair aithisg an luchd-sgrùdaidh bho chionn dà bhliadhna gun robh grunn laigsean sa chùram a thathas a' toirt seachd aig Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh.

Bhruidhinn an luchd-sgrùdaidh ri luchd-obrach agus euslaintich agus rinn iad measadh air poileasaidhean agus dòighean-obrach.

Rinn iad moladh air dòighean-obrach gus dèiligeadh ri troimh-chèile agus airson cumail ri sàbhailteachd, nam measg smachd a chumail air sgaoileadh galair.

Bha moladh cuideachd aca do cheisteachan a tha ga dheasachadh airson beachdan euslainteach mun chùram aig an Aonad Slàinte-Inntinn Èiginneach a thrusadh.

Thuirt Àrd-Neach-Sgrùdaidh Leasachadh Cùram-Slàinte na h-Alba, Donna NicGIlleEathain: "Bha an luchd-obrach a' toirt seachad cùraim airson iomagain a lùghdachadh agus a chùm maith sunnd.

"Bha luchd-obrach a' cumail suas le trèanadh riatanach air-loidhne ach bha laigsean san trèanadh phragtaigeach, nam measg beatha-shàbhaladh èiginneach agus mar a dhèiligeas iad ri fòirneart agus dol a-mach bagairteach."

Dh'aithnich iad na dùbhlain ann an sgìrean dùthchail is eileanach ann a bhith a' fastadh agus a' cumail luchd-obrach sgileil.

Bha na dùbhlain an cois a bhith a' faighinn leapannan ann an ospadalan air tìr-mòr do dh'euslaintich le feumalachdan toinnte agus a tha feumach air cùram eòlach na chunnart mòr, thuirt an aithisg.

Chaidh beachd NHS nan Eilean Siar iarraidh.