Caisteal Cheann Loch air a' mhargaidh

- Air fhoillseachadh
Chuir a' buidheann ghlèidhteachais NàdarAlba Caisteal Cheann Loch ann an Rùm air a' mhargaidh.
Tha seo an dèidh rannsachaidh a sheall gu bheil a' mhòr-chuid de mhuinntir an eilein ag aontachadh gum bu chòir a reic 's a leasachadh gus an gabh a chleachdadh a-rithist.
'S ann le NàdarAlba a tha Eilean Rùim air fad.
Chaidh an sgrùdadh a dhèanamh le Seirbheis Analais an t-Saidheins Àrainneachail aig Riaghaltas na h-Alba.
"Rinn muinntir an eilein soilleir tron sgrùdadh seo gur e am prìomhachas aca an lùib reic a' chaisteil gum bi gealltanas ann san ùine fhada gun cuir an caisteal ris a' choimhearsnachd agus ri nàdar san eilean," thuirt Chris Donald, bho NàdarAlba.
"Ri linn sin, tha sinn ag iarraidh air daoine a dh'iarradh an caisteal a cheannach gun cuir iad an cèill, an cois na tairgse aca, mar a chleachdadh iad an caisteal agus am fearann mun cuairt air, 's mar a bheir iad taic do nàdar, seasmhachd, cultar agus eaconomaidh Eilein Rùim."
Gheall NàdarAlba fios a chumail ri muinntir an eilein mu mar a thèid gnothaichean air adhart.
Chaidh luach £750,000 a chur air a' chaisteal.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh15 An t-Samhain 2022

- Air fhoillseachadh11 An Lùnastal 2021
