Moladh Caisteal Cheann Loch a chàradh

  • Air fhoillseachadh
Caisteal Cheann LochTùs an deilbh, John Allan/Geograph

Chuir fear-gnothaich à Loch Abar plana gu Riaghaltas na h-Alba 'son Caisteal Cheann Loch ann an Eilean Rùim a chur air dòigh.

Tha Aonghas MacDhòmhnaill a' sireadh £2.5m bho dhiofar bhuidhnean den Riaghaltas ach an gabh an togalach, a th' air a chlàradh aig Ìre A, a chàradh.

Tha e a' sireadh an airgid bho Àrainneachd Eachdraidheil Alba (£1m), Nàdar Alba (£1m), agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (£500,000).

Tha e ag ràdh gur e cùis-nàire a th' ann gu bheil an caisteal a' tuiteam às a chèile, 's tha e e a' moladh urras a chur air dòigh gus airgead a bharrachd fhaotainn.

Bha Mgr MacDhòmhnaill roimhe na iar-cheann-suidhe air Urras Nàiseanta na h-Alba.

Buannachd eaconomaidh

Tha an naidheachd a' tighinn agus planaichean aig a' bhuidhinn Comann Charaidean Chaisteil Cheann Loch an togalach a cheannach agus àite-fuirich a dhèanamh dheth.

Dhiùlt Nàdar Alba an togalach a thoirt dhaibh o chionn còrr is bliadhna.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad a' sireadh cuideigin a bhiodh deònach an caisteal a chur air dòigh gu buannachd eaconomaidh agus àrainneachd an eilein.

Cha do dh'innis iad dè an t-suim airgid a dh'iarradh iad air a shon, nam biodh iad deònach a reic.

Tha a' bhuidheann a' dol às àicheadh, a dh'aindeoin aithrisean, gu bheil an caisteal fhèin air a' mhargaidh fhosgailte.

Chuir am BBC fios gu Riaghaltas na h-Alba mu phlanaichean Mhgr MhicDhòmhnaill, ach cha d' fhuaireas freagairt sgrìobhte bhuapa fhathast.