CEO ùr na Camanachd a' gealltainn co-obrachadh gus iomain a neartachadh

- Air fhoillseachadh
Thuirt Àrd-oifigear ùr Chomann na Camanachd gu bheil e airson co-obrachadh le daoine aig gach ìre den spòrs gus fàs a thoirt air an iomain.
Chaidh Donnchadh Siosalach a dhearbhadh san obair Diardaoin.
Tha Mgr Siosalach, a tha a' fuireach sa Bhlàr Dhubh, air a bhith na Cheannard Choimeirsealta aig Ross County bho 2021.
Thuirt e gur e cothrom air leth a th' ann dha a dhol os cionn Chomann na Camanachd is gu bheil e 'son togail air an eòlas a fhuair e ann an saoghal a' bhuill-choise ann an Inbhir Pheofharain.
"Chòrd e rium gu mòr a bhith ag obair aig Ross County is thug an cluba dhomh cothrom a bhith a' togail chàirdeasan is leasachadh a dhèanamh air buidheann a tha a' ciallachadh tòrr dhan Ghàidhealtachd.
"Tha mi a-nise airson sin uile a thoirt do Chomann na Camanachd".
Àrd-oifigear ùr aig Comann na Camanachd
- Air fhoillseachadh10 An t-Iuchar 2024
An làmh ùr aig stiùir na h-iomain
- Air fhoillseachadh27 An Gearran 2025
Tòisichidh Mgr Siosalach na dhreuchd ùr san Fhaoilleach.
Gheall e gun cleachd e a' chiad 100 là aige san obair gus bruidhinn ri clubaichean, cluicheadairean, oifigich, saor-thoilich, is feadhainn a tha a' cumail taic-airgid ris an spòrs.
"'S e am prìomh amas agam an toiseach a bhith ag èisteachd, ag ionnsachadh is tuigse fhaighinn.
"Chan eil mi a' tighinn a-steach a' smaointinn gu bheil na freagairtean air fad agam. 'S ann aig an fheadhainn a tha an sàs ann an iomain aig a bheil fios nas fheàrr mun spòrs is feumaidh sinn tarraing air an eòlas is beachdan acasan.
"Aig an dearbh àm, tha mi den bheachd gu bheil cothroman mòra againn fàs a thoirt air iomain, daoine ùra a thaladh is an taobh coimeirsealta de Chomann na Camanachd a leasachadh.
"Tha rudeigin air leth sònraichte againn ann an iomain is feumaidh sinn a bhith àrd-amasach a thaobh mar a tha sinn ga chur adhart".
Molaidhean radaigeach gus cruth-atharrachadh a thoirt air structar iomain nam fear
- Air fhoillseachadh30 An Dàmhair
Structar na h-iomain ga dheasbad le rabhadh gu bheil an spòrs ann an cunnart
- Air fhoillseachadh17 An t-Sultain
Tha Mgr Siosalach a' dol an àite Ruari Davidson, a dh'innis as t-samhradh gun robh e a' fàgail às dèidh dà bhliadhna san obair.
Tha an ceannard ùr a' tòiseachadh aig àm fìor inntinneach ann an iomain nam fear is clubaichean an-dràsta fhèin a' meòrachadh air roghainnean 'son crathadh a thoirt air structar nan lìogaichean.
Chan eil e idir follaiseach aig an ìre seo dè an cruth a bhios ann a' dol air adhart, no fiù 's cuine thigeadh cruth ùr sam bith a-steach.
Thuirt Ceann-suidhe Chomann na Camanachd, Burton Moireasdan, gu bheil iad a' cur fàilte mhòr air Donnchadh Siosalach san obair is sùil aca "air an ath-chaibideil" san spòrs.