Peatrol gu leòr gu bhith aig Tiriodh

Làmh cuideigin a' cumail pìob peatral agus a' lìonadh carbaid le connadh Tùs an deilbh, PA Media
  • Air fhoillseachadh

Tha Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Thiriodh ag ràdh gu bheil peatral air a bheil cruaidh fheum air an t-slighe chun an eilein.

Thug iad rabhadh aig toiseach na seachdain gun robh cunnart ann gun ruitheadh iad a-mach às agus gur dòcha gun fheumadh iad na bh' air fhàgail aca a chumail a-mhàin do na seirbheisean èiginn agus luchd-obrach riatanach.

Bha iad a' coireachadh dìth bhàtaichean Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn a tha a' fàgail gum feum a' chompanaidh soithichean a ghluasad feadh an lìonra airson seirbheisean a chumail ri eileanaich.

Dh'fhàg sin gun robh an MV Isle of Mull, nach gabhadh ach 30 luchd-siubhail gu laghail aig a' cheart àm ri bathar cunnartach mar chonnadh, a' frithealadh Thiriodh.

Ann an teachdaireachd air na meadhan-sòisealta madainn Dimàirt, thuirt an t-urras gu bheil an MV Loch Nevis a' toirt luchd de pheatral thuca.

Thuirt iad gun dùineadh Stèisean Connaidh Chrosabail, a th' air a ruith leotha, aig meadhan-là airson leigeil leis an tancair na tancaichean aca a lìonadh.

Thuirt iad nach biodh aca tuilleadh ri na b' urrainn do dhaoine de pheatral a cheannach a chuingleachadh mar a bha dùil aca.

Thug iad taing don phoball airson an cuideachadh na bh' aca de chonnadh air fhàgail a chumail gun ruith a-mach dheth buileach.