Am Bac a' fulang buille nan iomairt san lìog

Suaicheantas Chomann Ball-coise Leòdhais is na HearadhTùs an deilbh, Lewis & Harris Football Association
  • Air fhoillseachadh

Thug Na Hearadh buille do dh'iomairt a' Bhac Lìog Leòdhais agus Na Hearadh a bhuannachadh le bhith a' dèanamh a' chùis orra oidhche Luain.

Thàinig na Hearaich am bàrr 3-2 air an Tairbeart a' ciallachadh gu bheil Am Bac a' fuireach san treasamh àite, sia puingean air cùlaibh an Rubha aig a' mhullach, ged a tha aon gheama a bharrach aig na Bacaich ri chluich.

Tha Na Hearadh fhathast sa chòigeamh àite, ach a-niste dìreach puing air cùlaibh Chàrlabhaigh os an cionn.

Bha beagan de bhuille ann cuideachd don sgioba san dàrna àite, Aths, a leig puingean às an aghaidh Chàrlabhaigh.

Chrìochnaich an dà sgioba 3-3, le Aths a' tilleadh bho a bhith 3-1 air dheireadh airson puing a thogail.

Tha sin a' fàgail Aths puing far a' mhullaich, ach tha iad air geama a bharrachd a chluich air an Rubha.

Cuideachd, thug an Taobh Siar droinneadh, 5-1, do Nis.

Agus anns a' chiad chuairt de Chupa Jock Stein fhuair United troimhe às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Na Lochan, 4-0.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte