Ceannardan ChalMac air beulaibh rannsachadh nan ceanglaichean stèidhichte

 Hong Kong-Zhuhai-MacauTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Cluinnidh buill-phàrlamaid a tha a' rannsachadh cheanglaichean stèidhichte eadar eileanan na h-Alba fianais an-diugh bho Àrd-oifigear Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn.

Tha Comataidh nan Cùisean Albannach a' coimhead ris an argamaid airson cheanglaichean stèidhichte - leithid tunailean is drochaidhean - agus a bheil àite aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ann a bhith a' cur taic ri pròiseactan mar seo.

Ann am freagairt sgrìobhte chun na comataidh aig toiseach na bliadhna, chuir Comhairle nan Eilean Siar taic ri ceanglaichean stèidhichte thairis air Caolas na Hearadh is Caolas Bharraigh.

San fhreagairt sin thuirt CnES gu bheil sgrùdadh air sealltainn gun cosgadh ceangal stèidhichte air Caolas na Hearadh eadar £109.6m is £145.1m.

Chosgadh e £135m a bharrachd bun-structar cumhachd ath-nuadhachail a chur ris - ach bhiodh cothroman airgead nach beag fhaighinn air ais san ùine fhada tro dhealan a reic dhan ghriod, thuirt iad.

Nochd ceannard na comhairle an uairsin air beulaibh na comataidh air a' mhìos seo chaidh.

Thuirt Pòl Steele na fhianais gum bu chòir do Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' bheàrn ionmhais a chaidh fhàgail le Brexit a lìonadh gus pròiseactan bun-structair a mhaoineachadh.

Dh'innis e cuideachd do bhuill na comataidh gur dòcha nach deach adhartas a dhèanamh le ceanglaichean stèidhiche gu seo air sgàth 's gu bheil trioblaidean air a bhith ann cho tric le seirbheisean aiseig.

"Gu mì-fhortanach tha sinn a' bruidhinn ri Riaghaltas na h-Alba mu chòmhdhail cha mhòr gach là," thuirt Mgr Steele ris a' chomataidh.

"Chan e ceanglaichean stèidhichte a th' ann ge-tà ach aiseagan - oir tha na h-uimhir de thrioblaidean air a bhith againn thairis air na bliadhnaichean.

"'S e sin am fòcas a th' air a bhith ann is tha mi a' smaointinn gur dòcha gur e sin as coireach nach eil sinn air bruidhinn riutha mu cheanglaichean stèidhichte".

'S e an seisean fianais an-diugh am fear mu dheireadh a bhios aig an rannsachadh.

Cluinnidh a' chomataidh bho Àrd-oifigear ChalMac, Donnchadh Mackison, agus cuideachd bho Stiùiriche Lìonra na companaidh Louis de Wolff.

Tha dùil gun tèid an ceasnachadh mu cho cudromach 's a tha seirbheisean aiseig do choimhearsnachdan eileanach agus mu na planaichean a th' aca airson seirbheisean a leasachadh.

A thuilleadh air sin, nochdaidh cuideachd Manaidsear Poileasaidh HIE, Nicky Sobey, Stiùiriche HITRANS Raghnall Robasdan, agus Moraig Lyall bho Chom-pàirteachas Còmhdhail Shealltainn air beulaibh bhall an-diugh.