Naidheachdan 11:00m
Smachd-bhannan
Tha an Rìoghachd Aonaichte air smachd-bhannan ùra ainmeachadh an aghaidh na Ruis, ri linn a' chogaidh leis an Ucràin. Tha iad ag amas air companaidhean agus tancairean ola a bhios a' giùlain ola Ruiseanaich, buidhnean ionmhais leithid bhancaichean agus feadhainn a tha an sàs ann an uidheamachd a chumail ris an arm Ruiseanach. Thuirt Sir Keir Starmer gun robh iad airson iomairt a' chogaidh aca a thacadh. Tha am Prìomhaire aig coinneamh de cheannardan dùthchannan beartach an G7 anns an Fhraing an-dràsta.
Lebanon
Tha sabaid air leantainn eadar Israel agus a' bhuidheann Hezbollah ann an Lebanon - a dh'aindeoin aonta-sìthe eadar na Stàitean Aonaichte agus Iran a bhith a' buntainn ri sin cuideachd. Chaidh ceathrar a mharbhadh agus Israel a' cumail a-mach gun robh ceannaircich air dhol a dh'ionnsaigh nan saighdearan aca ann an ceann a deas Lebanon. Thuirt Hezbollah gun do dh'fheuch iadsan urchairean agus drònaichean air feachdan Israelach mar fhreagairt air seo.
Taighean
Theid còrr air 70 taigh a thogail air iomall Steòrnabhaigh ann an sgeama a tha le taic na companaidh dealain SSEN Transmission. Anns a' chiad dol-a-mach, bidh 50 taigh air chosgais £17m, a' toirt àite-còmhnaidh dha luchd-obrach a bhios ri leasachadh air goireasan dealain ann an Leòdhas. Bidh iad aig a' cheann thall rim faotainn aig muinntir an eilein is dùil gum bi iad sin deiseil taobh a-staigh dà bhliadhna. Bidh cuideachd 23 taigh eile air an togail a bhios bho thùs dha muinntir an eilein agus iad sin deiseil ann an 2029. Tha Buidheann Taigheadas Innse Gall an sàs sa phròiseact cuideachd ri SSEN. Tha seo fa leth bho phlanaichean eile airson mu 100 taigh ùr faisg air port-àdhair Steòrnabhaigh, pìos beag shuas an rathad ann am Mealabost.
Tubaist
Tha na poilis a' rannsachadh droch thubaist a bha air rathad an A87 an-dè eadar dà mhotor-baidhseagal. Bha triùir air an toirt dhan ospadal. Tha fireannach aois 42 agus boireannach aois 34, a bha air bòrd baidhg dubh Royal Enfield Himalaya, anns an ospadal ann an Glaschu, agus iad gu mu math ìosal. Thuirt na poilis ge-tà nach eil beatha an dithis idir ann an cunnart. Tha am fireannach aois 39 a bha le Yamaha Tracer glas san ospadal ann an Obar Dheathainn, agus esan ann an staid chothromach.
Thachair an tubaist air an A87 aig Cluanaidh goirid ro 3f an-dè. Bha an rathad dùinte airson mu sheachd uairean a thìde. Tha poilis airson fiosrachdadh no dealbhan bhideo fhaighinn bho dhaoine a bha anns an sgìre aig an àm.
Thames
Dhiùlt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte plana airson a' chompanaidh uisge as motha anns an dùthaich a shàbhaladh. Bhiodh am plana airson Thames Water a chuideachadh air a bhith luach £10bn. Rhuirt Rùnaire na h-Àrainneachd nach robh sin math gu leòr. Tha Thames a' fulang le fiachan agus trioblaidean bun-structair mòra, agus iad tric fo chàin leis an riaghladair. Tha dùil gu bheil seo ga dhèanamh nas coltaiche gun teid a' chompanaidh phrìobhaideach a thilleadh dhan roinn phoblaich.