Seònaid

Sgeulachdan bhidio air Sìona a-nis air an làraich

23mh Sultain 2008, Seònaid

Tha bhideothan ùra againn dhut an-diugh air làrach-lìn Sealladh air Sìona. 'S dòcha gun do leugh thu na sgrìobh Gerald, Maria agus Alasdair san leabhar-latha mu bhith a' filmeadh aig sgoil an Kung Fu, còmhla ris An Stiùiriche Feng, Xiao Di, agus na deugairean a tha a' cleachdadh cafaidhean eadar-lìn ann am Beijing. 'S urrainn dhut a-nis an sgeulachdan a leantainn air bhidio an seo.

Bhidio mu balach à Beijing
An taghadh de bhidiothan mu bheatha ann an Sìona

Tha ochd filmichean goirid ann a' toirt sùil air beatha naoinear ann an Sìonach. 'S iad:

Xiao Di – Tha Xiao, deich bliadhna a dh' aois, a' fuireach ann am Beijing. Chan eil ach e fhèin san teaghlach.

Tian Tian – Tha Tian Tian ag ionnsachadh sgilean gaisgeanta aig sgoil Kung Fu.

Cao Fei & Tong Yan – Deugairean a tha a' trèanandh airson a bhith nan dealbhaichean aodaich.

Jiang Feng Gui – Dè thug air an tuathanach seo sgur a bhith a' fàs rus is bàrr eile a chur?

Dr Hao – Tha Dr Hao ag obair le ìochslaintean thraidiseanta Sìonach.

Liu Hong Liang – Sealladh dhan fhactaraidh anns a bheil Hong Liang ag obair agus a' fuireach.

An Stiùiriche Feng – Tha An Stiùiriche Feng ag obair còmhla ri buidhnean coimhearsnachd airson an àrainneachd ionadail aca a ghlanadh.

Yang Xi Wen – Tha an nighean seo a' cur seachad còrr is dusan uair a thìde air an eadar-lìon gach latha.

Ma tha blog agadsa, thèid agad air na bhideothan a chur air do dhuilleig fhèin, le bhith a' bruthadh nam putan share agus embed air a' chluicheadair bhidio. Faodaidh tu cuideachd ceangail don bhidio a chur gu caraid tro phutan share.

Dè am fear air air an coimhead thu an toiseachd?

dàng àn

(g. tasglann)

  • DiD
  • DiL
  • DiM
  • DiC
  • DiA
  • DiH
  • DiS
  • 1
  • 2
  • 3
  • 4
  • 5
  • 6
  • 7
  • 8
  • 9
  • 10
  • 11
  • 12
  • 13
  • 14
  • 15
  • 16
  • 17
  • 18
  • 19
  • 20
  • 21
  • 22
  • 23
  • 24
  • 25
  • 26
  • 27
  • 28
  • 29
  • 30

Gu bàrr na duilleig

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.