1mh Sultain 2008 00:00, Flora
Nuair a tha thu a' cruthachadh làrach-lìn, tha e uabhasach cudromach nas urrainn de bheachdan fhaighinn bhon luchd-cleachdaidh da bheil an làrach. A thaobh làrach-lìn China Stories bu mhath leinn gun tigeadh a h-uile duine chun làraich, ach gu h-àraidh sgoilearan bun agus àrd-sgoil.
Feasgar, fhuair mi fios air ais bho tè de ar tidsearan co-chomhairliche, Liz, mu bhith a' tadhal oirre anns an sgoil agus a clas a choinneachadh. Tha e air obracahdh a-mach math oir tha i air cuireadh a thoirt dhomh a thighinn thuca air latha nuair a bhios iad ag obair air a' chuspair shònraichte. Bheir seo blasad dhomh air mar a tha an clas ag obrachadh còmhla air cuspairean agus dè na seòrsa rudan as toil leotha a bhith a' dèanamh.
Tha mi a' dol chun na sgoile an ath sheachdain. An-dràsta tha agam ri stuthan a chur air dòigh a sheallas mi do na sgoilearan. Bhon a bhios am prìomh earrann de làrach China Stories mòr le tòrr fiosrachaidh, dealbhan, agus ceanglaichean, tha mi airson a bhith cinnteach gu bheil am fiosrachaidh air a chur tarsainn ann an dòigh brosnachail, soilleir. Cuidichidh coinneachadh ri sgoilearan a chleachdas an làrach le seo a dhèanamh ceart!
Tha beachdan agam agus tòrr cheistean do bheil mi an dòchas freagairt fhaighinn. Tha mi an dòchas nach robh an ùine a chuir mi seachad ann an colaiste ealain na chosg ùine agus gun tèid agam air mapa mòr de Shìona a dhealbh air am bi coltas Sìona.
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.