9mh Sultain 2008, Flora
Uill bha an thuras dhan sgoil uabhasach soirbheachail dhòmhsa.
Chuir mi feasgar seachad còmhla ri clas a 7 a dh' fhaicinn dè tha a' tachairt air an latha a bhios iad a' dèanamh obair air cuspair sònraichte. Tha na sgoilearan an-dràsta ag ionnsachadh mu dhùthchannan Eòrpach. Choimhead sinn an toiseach ri bhidio a lean sgoilearan anns an t-Suain airson dhà no thrì latha. Às dèidh na bhidio bha còmhradh aig a' chlas mu dheidhinn. Bhruidhinn iad mu na rudan as aithne dhaibh mun t-Suain. Bhruidhinn iad cuideachd air gnàthan-ìomhaigh mun t-Suain – a bheil Suainich uile àrd, bàn agus math air Beurla a bhruidhinn? Thug na tidsearan air a' chlas smaoineachadh cuideachd air na coltasan agus na h-eadar-dhealaichidhean a th' ann eadar an t-Suain agus Alba. B' e còmhradh inntinneach a bh' ann.

An uairsin, fhad 's a dh'obraich an clas air cruinn-eòlas Albannach ann am buidhnean, choinnich mise ri 3 buidhnean de sgoilearan mu làrach-lìn Sealladh air Sìona. Bha mi air mapa "eadar-gnìomhail" a dhèanamh air pàipear air an robh an t-seòrsa fiosrachaidh as dòcha a chuireas sinn air a' mhapa anns a' phàirt ùr den làraich. Bha mi airson faighinn a-mach am biodh e furasta dha na sgoilearan am fiosrachadh a lorg air a' mhap. Bha cuid dheth na bu doire a lorg na cuid eile ach san fharsaingeachd fhuair na sgoilearan e furasta gu leòr a chleachdadh. 'S e naidheachd mhath a tha seo oir 's ann anns an aon dòigh a dh' obraicheas am mapa air an làraich-lìn seo nuair a tha i deiseil.
Ghabh mi an cothrom cuideachd ceist a chur air na trì buidhnean mu dè na rudan a bhiodh iad airson faighinn a-mach mu Shiòna agus muinntir na dùthcha. Tha an liosta fada! A-rithist, 's e naidheachd mhath a tha seo oir cuideachaidh fios a bhith againn dè an seòrsa rud a bhios luchd-tadhail na làraich a' lorg le bhith a' cruthachadh duilleagan-lìn inntinneach.

Seo cuid de na th' air an liosta…
Àireamh-sluaigh, peataichean, biadh, creideamh, cruthan-tìre, uisge glan, spòrsan nàiseanta, fiadh-bheatha, buin cumhachd, sìde, traidiseanan, cur-seachadan, cultar, fèisean ionadail, peanasachadh agus prìosain, truailleadh, riaghaltas, còmhdhail, carthannais, gnìomhachas, beachdan, taighean, teaghlaich agus ìrean sgaradh-pòsaidh, cànanan a thathas a' bruidhinn, turasachd.
Mar a thuirt mi, 's e liosta fada a th' ann. Tha gu leòr an sin airson toiseach tòiseachaidh a thoirt dhomh! 'S iad sgoilearan clas 7 a rinn math!
BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.