Taic ga h-iarraidh airson Slighe Taobh an Iar na Gàidhealtachd

Oifigear nan slighean fadaTùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Seoc MacGilleBhràith, Oifigear nan Slighean Fada aig Comhairle na Gàidhealtachd, a' toirt sùil air earran den t-slighe ann an Gleann Comhann.

  • Air fhoillseachadh

Tha tè de na slighean coiseachd as ainmeile ann an Alba feumach air taic bhon phoball ri linn cunnart bho atharrachadh na gnàth-shìde, a rèir a' chathrannais uìr a tha a' coimhead às a dèidh.

Tha Urras Slighe Taobh an Iar na Gàidhealtachd a' toirt rabhadh seachad gum faodadh nach bi earrannan dhi ruigsinneach às aonais barrachd maoineachaidh.

Tha an t-slighe, a tha a' ceangal Glaschu agus An Gearasdan, a' comharrachadh 45 bliadhna bho chaidh a stèidheachadh.

Tha e air a thuairmeas gum bi còrr air 45,000 duine ga coiseachd gach bliadhna, agus gu bheil timcheall air 200 gnothachas a' faighinn buannachd às.

Ach a rèir Carol Matthews bho Urras Slighe Taobh an Iar na Gàidhealtachd, tha atharrachadh na gnàth-shìde agus àrdachadh sna h-àireamhan a tha a' frithealadh na slighe a' cur cuideim mhòr oirre.

"Tha leudachadh air a thighinn air a' bhliadhna a bhios daoine ga coiseachd", thuirt i.

"B' àbhaist gur e rud a bh' ann a bha daoine a' dèanamh as t-samhradh ach a-nis tha daoine a' tòiseachadh as t-earrach, gu ruige an fhoghair. Tha cuid ga dhèanamh fad na bliadhna."

Tha Carol ag ràdh gu bheil an suidheachadh ga fhàgail deatamach gun tèid maoineachadh a bharrachd a lorg.

Tha i ag ràdh gu bheil taic bhon phoball a dhìth ma tha obair air an leithid drochaidean, ceuman, agus siostaman drèinidh a' dol a dhol air adhart.

"Bidh mòran dhaoine a' coiseachd na slighe is iad a' togail airgid airson chathrannasan eile, agus 's e rud math dha-rìribh a tha sin", thuirt i.

"Ach tha mi cinnteach nach eil a' mhòr-chuid a' tuigsinn gum feum an t-slighe fhèin taic ma tha i gu bhith air a glèidheadh airson nan ginealaichean ri teachd."