Mòd 2026: Duais Thosgaire na Gàidhlig do Chalum MacFhearghais

Calum MacFhearghais aig dachaigh Phartaig Thistle Dihaoine is duais Thosgaire na Gàidhlig air a bhuileachadh air
- Air fhoillseachadh
Chaidh Calum MacFhearghais ainmeachadh mar Thosgaire Gàidhlig na Bliadhna aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu.
'S e duais a th' ann bho Riaghaltas na h-Alba do neach a tha air obair mhòr a dhèanamh às leth na Gàidhlig.
'S ann à Inbhir Nis a tha Calum agus mar fhear a bha a' cluich ball-coise gu proifeiseanta, tha a chuid obrach a thaobh na Gàidhlig air a bhith dlùth-cheangailte ri spòrs.
Bha e am measg na stèidhich FC Sonas an toiseach, is an uairsin Alba FA agus e ag amas air fàs a thoirt air cànan is cultar na Gàidhlig tro bhall-coise.
Fon bhratach sin, bidh Calum a' stiùireadh phrògraman leasachaidh do dh'òigridh air feadh na Gàidhealtachd, an Uibhist 's an Glaschu - a' brosnachadh chloinne gu bhith a' cleachdadh na Gàidhlig ann an suidheachaidhean làitheil.
Chruthaich e cuideachd sgioba ball-coise Alba FA airson luchd-labhairt na Gàidhlig a riochdachadh.
Tha sgioba Alba FA air a' Ghàidhlig a thoirt dhan Ghearmailt far an do chluich iad an aghaidh sgiobaidhean an sin aig àm nan Euros ann an 2024.
Mòd 2026 ga chur gu dol le rabhadh mu FtMG aig ìre àrd-sgoile
- Air fhoillseachadhBho chionn 7 uairean
Urram Camanachd a' Mhòid air iomanaiche Uibhisteach Ghlaschu
- Air fhoillseachadhBho chionn 8 uairean
As t-samhradh, rinn iad air Alba Nuadh agus chluich iad an aghaidh Halifax Wanderers ann an Cuach a' Chuain Shiar.
'S e turas air leth soirbheachail a bh' ann is na balaich a' faighinn moladh mòr bho Ghàidheil Chanada a choinnich riutha.
'S e urram mòr a th' ann do Chalum a bhith air ainmeachadh mar Thosgaire na Gàidhlig.
Thuirt e: "Bu mhath leam taing a thoirt dhan a h-uile duine a th' air taic a chur ris a' phròiseact thar nam bliadhnaichean agus a th' air maoineachadh a thoirt do dh'Alba FA.
"Às aonais na h-oidhirp sin aig ìre coimhearsnachd agus a' chomhairle, cha bhiodh seo idir air a bhith comasach."
Tha duais na tosgaire am measg na tha air a thoirt seachad air a' chiad là den Mhòd.
'S i Danielle Stiùbhart a chaidh ainmeachadh mar Neach-ionnsachaidh na Bliadhna.
'S e neach-dhealbh a th' ann an Danielle a bhios cuideachd glè thric a' siubhal is a' sgaoileadh susbaint air na meadhanan-sòisealta, cuid dheth mu a beatha ann am bhana.
Tha i bho chionn ghoirid air ceumnachadh bho Shabhal Mòr Ostaig far a bheil i air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig.
Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte
Tuilleadh mun sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An Dàmhair 2025

- Air fhoillseachadh14 An Dàmhair 2019
