Tosgaire ùr na Gàidhlig

  • Air fhoillseachadh
Alasdair MacIlleBhàin
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an t-urram a bhuileachadh air Alasdair Mac'IlleBhàin aig tachartas fosglaidh a' Mhòid ann an Glaschu aig deireadh na seachdain.

'S e Alasdair Mac'IlleBhàin à Muile a chaidh ainmeachadh mar thosgaire ùr na Gàidhlig.

Chaidh an t-urram a bhuileachadh air aig tachartas fosglaidh a' Mhòid ann an Glaschu aig deireadh na seachdain.

Thuirt e gu bheil obair mhòr air thoiseach air luchd-labhairt na Gàidhlig ma tha an cànan gu bhith buan.

Ach thuirt e cuideachd gum bu chòir do dhaoine a bhith moiteal às an adhartas a chaidh a dhèanamh anns na bliadhnaichean a dh'fhalbh.

Tha Maighstear Mac'IlleBhàin na cho-eòlaiche rannsachaidh aig Oilthigh Ghlaschu, agus ron a sin bha e na oileanaich anns an dearbh oilthigh sin.

Còraichean

Tha e cuideachd an sàs ann an saoghal a' chiùil sa bhaile agus na chathraiche aig an ionad ealain is cultair, An Lòchran, ann an Glaschu.

Mhol e do dhaoine an dìcheall a dhèanamh seasamh airson còraichean na Gàidhlig, agus an cànan a chleachadh.

"Agus a bhith làidir a thaobh nam poileasaidhean a tha againn a thaobh cleachdadh na Gàidhlig agus mun chànan san fharsaingeachd.

"Ma tha sinn dha rìribh airson 's gum mair i mar chànan a bhios ga bruidhinn o là gu là seach dìreach a bhith beò anns na leabhraichean eachdraidh", thuirt e.