Duais Thosgaire Gàidhlig na Bliadhna do dh'Art MacCarmaig

- Air fhoillseachadh
Chaidh Art MacCarmaig ainmeachadh mar Thosgaire Gàidhlig na Bliadhna aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail anns a' Ghearasdan.
'S e duais a th' ann bho Riaghaltas na h-Alba a tha ag aithneachadh neach a th' air tabhartasan mòra a thoirt don Ghàidhlig.
Cha do chaill Art, a tha 60 's a buineas do Phort Rìgh, Mòd Nàiseanta sam bith bho bha e 10.
Thòisich e a' seinn aig Mòdan ionadail aig aois 8.
Nuair a bha san t-siathamh bliadhna aig Àrd-Sgoil Phort Rìgh, chaidh e os cionn còisir Ghàidhlig bun-sgoile a ghabh pàirt sa Mhòd Nàiseanta a chaidh a chumail sa bhaile airson a' chiad uair ann an 1982.
Bhuannaich e fhèin Bonn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich a' bhliadhna an dèidh sin ann an Tobar na Màthar, 's e 18 bliadhna de dh'aois.
Tha clann Art air leantainn na cheumannan bhon uairsin is Eilidh, Ruairidh is Iain uile air buinn òir a bhuannachadh.
'S e Art fhèin a tha a' leantainn ann an ceummannan Eilidh an-diugh ge-tà, is i fhin air urram Tosgaire na Gàidhlig fhaighinn ann an 2018.
Tha Art fhèin air seinn sa Ghàidhlig air feadh an t-saoghail thar nam bliadhnaichean 's air clàran a thoirt a-mach.
Art MacCarmaig a' seinn aig Mòd 1983 nuair a bhuannaich e Bonn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich
Tha e cuideachd air a bhith na bhall de dh'iomadh bòrd agus iomairt, nam measg an iomairt airson sgoiltean làn-Ghàidhlig ann am Port Rìgh agus Dùn Èideann.
A thuilleadh air sin, tha Art air strì mhòr a dhèanamh e fhèin thar iomadh bliadhna gus a' Ghàidhlig a dhìon gu poblach, obair gu ìre gun taing ach obair a bha mòran a' meas glè chudromach.
Fhuair Art OBE ann an 2015 mar urram air an obair a rinn e ann am foghlam na Gàidhlig an lùib Fèisean nan Gàidheal, buidheann air an robh e na cheannard fad 30 bliadhna gus an do leig e dheth a dhreuchd sa Chèitean am-bliadhna.
Bidh e fhathast a' seinn, agus e an sàs anns a' Mhòd mar bhritheamh.
Bidh e cuideachd a' preasantadh prògram nan Dùrachdan air BBC Radio nan Gàidheal.
'S beag an t-iongnadh gun do ghabh cuid "an duine as trainge san Eilean Sgitheanach" air!
Air dha an duais fhaighinn, thuirt Art: "Bha a' Ghàidhlig riamh cudromach na mo bheatha, eadar dachaigh agus obair, ach bha taic ann bho theaghlach is bho cho-obraichean anns a h-uile rud a rinn mi.
"Tha mi glè thaingeil do Riaghaltas na h-Alba agus don Chomunn Ghàidhealach airson urram a bhuileachadh orm mar Thosgaire Gàidhlig na Bliadhna.
"Ged nach eil mi ag obair làn-ùine tuilleadh, cha chuirinn mo chùl ri iomairtean Gàidhlig agus tha mi a' dèanamh fiughair ri taic a thoirt seachad far am biodh sin comasach dhomh."

Chan e Art a-mhàin a fhuair aithne sa Ghearasdan Dihaoine.
Chaidh urram Neach-Ionnsachaidh na Bliadhna gu Màrtainn Robasdan.
'S ann às Àrnasdal faisg air Glinn Eilg a tha Màrtainn.
Dh'innis Màrtainn gun do thòisich e air Gàidhlig ionnsachadh san àrd-sgoil is gun deach e às a sin gu Oilthigh Shruighlea is Sabhal Mòr Ostaig.
Tha e ag ràdh gu bheil a' Ghàidhlig a-nise mar phàirt mhòr dha bheatha.