Taigh-cruinn o Linn an Iarainn san amharc an Geàrrloch

Ro-shealladh air coltas an taighe-chruinnTùs an deilbh, Taigh-tasgaidh Gheàrrloch
  • Air fhoillseachadh

Thug Comhairle na Gàidhealtachd taic maoineachaidh do phròiseact airson taigh-cruinn leithid na bh' ann an Linn an Iarainn a thogail ann an Geàrrloch.

Cheadaich buill air comataidh sgìreil Ros an Iar, Srath Pheofhair is Loch Aillse granta de £45,000 bho Mhaoin an Ath-nuadhachaidh Choimhearsnachd, a thèid a dh'ionnsaigh cosgais £279,725 a' phròiseict aig Taigh-tasgaidh Gheàrrloch.

Tha am pròiseact ag amas air structar foghlaim agus eadar-mheadhanachaidh a thogail a thaisbeanas mar a bha beatha san sgìre ann an Linn an Iarainn.

Cho-dhùin comhairlichean gum biodh buannachdan leithid glèidheadh dualchais, maith na coimhearsnachd, trèanadh sgilean, foghlam agus turasachd an cois a' phròiseict.

Tha dùil gum bi an obair deiseil ann an 2028, le obair-ullachaidh ga dhèanamh am-bliadhna agus an ath-bhliadhna.