Naidheachdan 11:00m

Am Morair Mandleson

Tha Sir Philip Barton, a bha na cheannard air Oifis na Dùthcha, am measg àrd-sheirbheisich chatharra a tha a' toirt fianais an-diugh dhan chomataidh a tha a' rannsachadh mar a chaidh am Morair Mandelson fhastadh mar thosgaire dha na Stàitean Aonaichte. Thuirt Sir Philip gun robh dragh air mu chàirdeas a' Mhorair ri Jeffrey Epstein ach nach d' fhuair e an cothrom sin a dhèanamh follaiseach. Agus bidh bhòt aig buill-phàrlamaid feasgar air am bu chòir rannsachadh pàrlamaid a bhith ann mu chasaidean gun do mheall Sir Keir Starmer Taigh nan Cumantan mu sgrùdadh tèarainteachd Pheadar Mandelson. Tha Sràid Downing a' dol às àicheadh nan casaidean sin.

An Rìgh an Aimeireaga

Nì an Rìgh òraid aig a' Chòmhdhail an-diugh fhathast sa bheil dùil gun can e gu bheil eachdraidh fhada de cho-obrachadh agus càirdeas eadar an Rìoghachd Aonaichte agus na Stàitean Aonaichte. Chuir an Ceann-suidhe Trump fàilte air an Rìgh agus a' Bhanrigh ann an Washington DC an-dè aig toiseach turais ceithir latha.

Na meadhanan sòisealta

Gheall Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun cuir iad casg air clann fo 16 bliadhna de dh'aois bho na h-uimhir de na meadhanan sòisealta. Tha Taigh nam Morairean a' feuchainn ri làn-chasg a thoirt gu buil le bhith a' cur màill air a' bhile ach thuirt ministear riaghaltais an-raoir gum bi casg ann aig ìre air choireigin.

Liostaichean-feitheimh

Dh'fhaillich air Riaghaltas na h-Alba tighinn air an targaid airson liostaichean-feitheimh an NHS. Tha figearan bho Shlàinte Phoblach Alba ag ràdh gu bheil faisg air 34,000 euslainteach air a bhith a' feitheamh còrr is bliadhna agus gu bheil mu 500,000 duine air liosta-fheitheimh.

Prothaidean BhP

Dh'innis a' chompanaidh ola BP gun do rinn iad còrr is £2bn ann am prothaid air a' chiad thrì mìosan den bhliadhna seo. Tha sin còrr is a dhà uimhir 's a bh' ann aig an aon àm an-uiridh. 'S e cogadh Iran as motha a chuir ris an àrdachadh sin.