"Taic riaghaltais a dhìth" do chùram deireadh-bheatha air Ghàidhealtachd

Ospas na Gàidhealtachd
  • Air fhoillseachadh

Tha feum air cùram deireadh-beatha san dachaigh a leudachadh air Ghàidhealtachd, a rèir BPA.

Tha ball Lib Deamach Ghallaibh, Chataibh agus Rois, Dàibhidh Green, ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba £1m sa bhliadhna a thoirt do dh'Ospas na Gàidhealtachd ann an Inbhir Nis, gus am faigh iad air an cùram a thoirt do bharrachd dhaoine ach an tig am beatha gu crìch nan dachaigh fhèin.

'S e "Cùram Deireadh-beatha Còmhla" a tha air sgeama, taobh a-muigh a tha Ospas na Gàidhealtachd is NHS na Gàidhealtachd a ' ruith ann an co-bhann le grunn bhuidhnean eile.

Dàibhidh Green BPA
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Mgr Green ag ràdh gun sàbhaileadh an £1m sa bhliadhna £6m dhan NHS a h-uile bliadhna.

Tha Mgr Green ag ràdh nach urrainn dhan bhòrd slàinte an sgeama a mhaoineachadh tuilleadh, agus gun gabhadh an t-seirbheis leudachadh a-mach air feadh na Gàidhealtachd le taic on riaghaltas, a' sàbhaladh £6m sa bhliadhna air a' cheann thall.

"Tha mi a' tuigsinn gu bheil dùbhlain ionmhais romhainn," thuirt Mgr Green.

"Ach chan ann mu dheidhinn àireamhan a-mhàin a tha seo, 's ann a tha e mun ùine mu dheireadh ann am beatha dhaoine nuair a tha daoine ag iarraidh uiread de dh'ùine 's a ghabhas a chur seachad aig an taigh air an cuairteachadh leis an luchd-gaoil aca.

Ospas na Gàidhealtachd

"Tha sin gu math tric, aig deireadh an là, a chùm maith dhaoine agus 's e a dh'iarradh iad.

"Ri linn sin bha, eadar saoilidh mi an Cèitean 2023 agus an t-Sultain 2024, bha mu 4,100 na bu lugha de làithean ospadail aig euslaintich.

"Tha seo cudromach dha-rìribh, oir chan fhuasgail sinn an èiginn san NHS mura fuasgail sinn an èiginn ann an cùram sòisealta - tha sin a' ciallachadh a bhith a' dèiligeadh ri mar a tha daoine san ospadal ro fhada."

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad ag obair còmhla ri Ospas na Gàidhealtachd airson cuideachadh le bhith a' gluasad na sgeama aca air adhart.