Camanachd Shruighlea gus cluich an Lìog Deas 2

Camanachd ShruighleaTùs an deilbh, Camanachd Shruighlea
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh Comann na Camanachd gu bheil Camanachd Shruighlea gus cluich ann an Lìog Deas 2 am-bliadhna.

'S e cluba an ìre mhath ùr a th' ann an Sruighlea is Comann na Camanachd ag ràdh gu bheil iad air fàs gu luath.

Tha an cluba fhèin ag aideachadh gu bheil gnothaichean air gluasad le barrachd cabhaig na bha dùil aca is iad dìreach air pàirc fhaighinn an-uiridh.

"Thòisich sinn leis an amas iomain a bhrosnachadh am measg òigridh ach dh'fhàs e gu luath," thuirt cathraiche a' chluba, Niall Sutharlanach.

"Fhuair sinn inbhich gu leòr 'son geamaichean càirdeil a chluich, measgachadh de chluicheadairean le eòlas is feadhainn nach do chluich iomain roimhe.

"'S e bliadhna iongantach de dh'adhartas a th' air a bhith ann."

Fo-thiotal,

Camanachd Shruighlea deiseil is deònach

Tha an cluba ag ràdh gu bheil iad air taic làidir fhaighinn bho Chomhairle Shruighlea is bhon bhuidhinn Cluba Spòrs Shruighlea, rud a bha glè chudromach a thaobh pàirc is goireasan deatamach eile fhaighinn.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad a-nise airson obrachadh le sgoiltean ionadail agus a' choimhearsnachd san fharsaingeachd gus fàs a thoirt air iomain ann an Siorrachd Shruighlea.

Tha iad cinnteach gum bi e na chuideachadh dhaibh a thaobh sin gum bi sgioba aca anns na lìogan.

"'S e ceum mòr a tha seo dhuinn is bheir e cothrom dhuinn fàs mar chluba," thuirt an sgiobair aca, Al Reed.

"Tha buidheann mhath de chluicheadairean againn agus 'son cuid dhiubh 's e seo a' chiad chothrom a bhios aca cluich gu farpaiseach."

"Chuireadh sinn fàilte mhòr air taic sam bith bhon choimhearsnachd," thuirt e.

Camanachd ShruighleaTùs an deilbh, Camanachd Shruighlea