Baile Ùr an t-Slèibh a' dol a Phort Rìgh an Cupa MhicThàmhais

Fo-thiotal,

Mar a bhuannaich Ceann a' Ghiùthsaich Cupa MhicThàmhais an-uiridh

  • Air fhoillseachadh

Cuiridh Camanachd an Eilein Sgitheanaich fàilte air Bàile Ùr an t-Slèibh sa chiad chuairt de Chupa MhicThàmhais is Comann na Camanachd air fiosrachadh an taghaidh a sgaoileadh.

Am measg nan geamaichean eile sa chiad chuairt tha Ceann a' Ghiùthsaich, a tha air Cupa MhicThàmhais a bhuannachadh san trì bliadhna mu dheireadh, a' cur fàilte air a' Mhanachainn.

Tha geama tarraingeach eile eadar dà sgioba bhon Phrìomh Lìog is Lòbhat an aghaidh Chabar Fèidh.

Cupa MhicThàmhaisTùs an deilbh, Comann na Camanachd
Fo-thiotal an deilbh,

Ruari Davidson bho Chomann na Camanachd còmhla ri Ian Gray bho W M Donald, a tha a' cumail taic ionmhais ri Cupa MhicThàmhais am-bliadhna

Tha an taghadh gu lèir mar a leanas:

Cupa MhicThàmhais - A' Chiad Chuairt

Srath Ghlais - Cill Mhàilidh

Gleann Urchadain - Inbhir Nis

An t-Eilean Sgitheanach - Baile Ùr an t-Slèibh

Ceann a' Ghiùthsaich - A' Mhanachainn

Lòbhat - Cabar Fèidh

Thèid An Gearasdan, Ceann Loch Seile is Loch Abar dìreach dhan dàrna chuairt.

Bidh a' chuairt dheireannach aig Pàirc a' Bhucht - far a bheil obair sgeadachaidh an-dràsta a' leantainn - air an 14mh den Ògmhios.

Tuilleadh air an sgeulachd seo