Ros "na shàr eisimpleir" do cluicheadairean Cheann a' Ghiùthsaich

Raghnall Ros a' bruidhinn ri Dòmhnall MacLaomainn
Fo-thiotal an deilbh,

Raghnall Ros a' bruidhinn ri Dòmhnall MacLaomainn às dèidh a' gheama mhòir Disathairne

  • Air fhoillseachadh

Rinn sgiobair Cheann a' Ghiùthsaich moladh mòr air a' mhanaidsear aca Raghnall Ros às dèidh dha an sgioba a stiùireadh gu Cupa na Camanachd air an deireadh-sheachdain.

Rinn Kings an gnothach 2-1 air na seann nàimhdean aca Baile Ùr an t-Slèibh san Òban.

'S e seo a' chiad turas a tha Raghnall air Cupa na Camanachd a bhuannachadh mar mhanaidsear, ged a chàrn e stòras iongantach de bhuinn thairis air iomadh bliadhna mar chluicheadair.

Chaidh e na mhanaidsear air a' chluba an àite Iain Borthwick aig deireadh an t-seusain an-uiridh is Ceann a' Ghiùthsaich air Cupa na Camanachd a chall, rud a bha car connspaideach aig an àm.

'S e an sgiobair, Ruairidh MacAnndrais, a chuir an dà thadhal sa chuairt dheireannaich san Òban Disathairne agus Ceann a' Ghiùthsaich a' toirt na duaise air ais bho Bhaile Ùr an t-Slèibh.

Thuirt MacAnndrais gu bheil Ros air buaidh mhòr a thoirt air a' chluba mar mhanaidsear.

"Tha na tha Raghnall a' cur a-steach na shàr eisimpleir," thuirt MacAnndrais.

"'Tha iomain agus an cluba seo aig teis-meadhan a bheatha agus tha sinn uile a' faicinn sin.

"Tha e cho fìor chudromach dhuinn," thuirt e.

Le Cupa na Camanachd a-nise air ais ann an Ceann a' Ghiùthsaich, tha aire a' tionndadh dhan bhlàr eadar iad fhèin is Baile Ùr an t-Slèibh aig mullach na Prìomh Lìge.

Cluichidh Ceann a' Ghiùthsaich an aghaidh Loch Abair Disathairne seo tighinn is Baile Ùr an t-Slèibh air an rathad gu Taigh na Bruaich.

Tha a h-uile coltas ann gur e an geama eadar na nàbaidhean air an 10mh den Dàmhair a dh'innseas cò gheibh an làmhan air an tiotal.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte