Binn prìosain air fear à Inbhir Pheofharain 'son cocaine a reic

- Air fhoillseachadh
Chaidh 42 mìos sa phrìosan air fear à Inbhir Pheofharain a chaidh a ghlacadh na dhachaigh le cocaine, 's a bha air a dhìteadh grunn thursan roimhe.
Bha binn seachd bliadhna air a dhol air Daibhidh Mitchell, 39, an dèidh dha aideachadh gun robh e ciontach airson an treas turas de bhith a' cùiltearachd dhrugaichean Clas A.
Ach cho-dhùin britheamh nach robh e air a bhith ceart sin a chur air a rèir a shuidheachaidh.
Dh'aidich Mitchell gun robh e an sàs ann a bhith a' solarachadh cocaine eadar am Faoilleach 's an Cèitean an-uiridh bho a dhachaigh air Ràthad Bruach a' Mhuilinn ann an Inbhir Pheofharain, agus ann an sgìrean eile, nuair a nochd e aig an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann.
Cùram
Nuair a rinn na poilis sgrùdadh air a dhachaigh, fhuair iad còrr air 30g de chocaine, a thuilleadh air meidh agus bagaichean.
Bha luach sràide £3,900 anns a' chocaine.
Chaidh teachdaireachdan cuideachd a lorg a bha ceangailte ri reic dhrugaichean.
Chuala a' chùirt cuideachd gun deach a chur dhan phrìosan roimhe, aig gach cuid an Àrd-Chùirt agus Cùirt an t-Siorraidh, airson eucoirean ceangailte ri cùiltearachd cocaine agus heroin.
Thuirt am fear-lagha aige, Graeme Brown KC, gun robh na dìtidhean eile aige air tachairt o chionn ùine, agus gun robh "tachartas nach beag" air tachairt na bheatha mus deach a dhìteadh as ùire, nuair a chunnaic e athair ga bhualadh le carbad nach do stad. Bha aig Mitchell an dèidh sin ri cùram a thoirt dha athair.
Thuirt e gun robh Mitchell air tilleadh gu bhith ag obair bho chaidh a chur an grèim, 's gun robh piseach air a thighinn air a bheatha phearsanta.