Lùghdachadh 18% air na reiceadh de dh'uisge-bheatha thall thairis

Glainne uisge-bheathaTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich Comann Uisge-beatha na h-Alba (SWA) àireamhan ùra a sheall lùghdachadh 18% air na chaidh a reic de dh'uisge-beatha ri margaidhean cèin sa chiad leth de 2024 an taca ris an aon ùine an 2023.

Tha luach £2.1b sna chaidh a reic gu ruige seo am-bliadhna.

Dh'iarr an SWA air Riaghaltas ùr na Rìoghachd Aonaichte 'an làn taic a chur ri taighean-staile na h-Alba', mar a gheall am Prìomhaire Sir Keir Starmer ron Taghadh Choitcheann.

Am measg na tha iad ag iarraidh 's e cìsean air Uisge-beatha Albannach a lùghdachadh sa Bhuidseat air an 30mh den Dàmhair, agus iad ag ràdh gun do rinn an t-àrdachadh cìse de 10.1% san Lùnastal an-uiridh cron air a' ghnìomhachas.

Thuirt an SWA gu bheil an gnìomhachas fhathast a' fulang buaidh na taraif de 25% a leagadh air mac-na-bracha Albannach eadar an Dàmhair 2019 agus am Màrt 2021, a dh'adhbhraich call luach £600m air na reic iad ri dùthchannan cèin.

Chaidh na taraifean a chur an sàs air sgàth eas-aonta eadar Airbus agus Boeing mu shubsadaidhean.

Chaidh an togail airson còig bliadhna san Ògmhios 2021, ach tha an gnìomhachas ag iarraidh gum bi fuasgladh ann gus nach tèid an còrr croin a dhèanamh orra.

Tosgaidean uisge-bheatha Tùs an deilbh, Getty Images

B' e na Stàitean Aonaichte fhathast a' mhargaidh a bu mhotha san t-saoghal a thaobh luach an uisge-bheatha Albannaich a cheannaich iad sna ciad shia mìosan de 2024.

B' ann ris na h-Innseachan a chaidh a' chuid a bu mhotha den deoch a reic ged a tha fhathast taraif 150% air às-bhathar.

Tha an SWA ag iarraidh air an riaghaltas ùr ann an Westminster barrachd a dhèanamh gus Aonta Malairt Shaor eadar an Rìoghachd Aonaichte agus na na h-Innseachan a thoirt gu buil.

Thuirt Àrd-Stiùiriche an SWA , Mark Kent: "'S e cothrom a th' anns a' Bhuidseat air an 30mh den Dàmhair don riaghaltas Làbarach ùr dearbhadh gu bheil iad dha-rìribh airson taic a chumail ri uisge-beatha na h-Alba."