Fàilte air buaidh sgeama smachdachaidh a' mhàil ghoirid

Taighean ùra gan togailTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha nas lugha thaighean ùra, agus nas lugha thaighean a tha gan ceannach san sgìre, gan cur a-mach air màl ghoirid, a rèir na h-aithisg

  • Air fhoillseachadh

Chuir fear-gairm Comhairle na Gàidhealtachd fàilte air aithisg a tha ag ràdh gu bheil coltas ann gu bheil sgeama gus smachd a chur air màl ghoirid ann am Bàideanach is Srath Spè a' soirbheachadh.

Chaidh an aithisg a chur air beulaibh comataidh Bhàideanach is Srath Spè Diluain.

Bho chaidh an sgeama pìleat a chur an sàs anns a' Mhàrt 2024, tha cead air a bhith a dhìth airson àite-còmhnaidh anns nach eil an t-uachdaran a' fuireach a chur a-mach air màl ghoirid.

'S e Bàideanach is Srath Spè tè de na sgìrean as motha air Ghàidhealtachd a tha a' fulang le cion taigheadais.

Sheall an aithisg "gur dòcha" gu bheil maill a' tighinn air an iarrtas a th' ann air taighean san sgìre airson an cur a-mach air màl ghoirid.

Tha oifigich ag ràdh gu bheil nas lugha thaighean ùra gan cur air màl ghoirid na bha, agus gu bheil nas lugha de na taighean a tha gan reic san sgìre gan cur a-mach air màl ghoirid na bha.

Chan eil fiosrachadh ann airson sgìrean eile den Ghàidhealtachd, far nach eil cead a dhìth.

Thug a' chomhairle cead nas tràithe sa bhliadha 'son co-chomhairle a dhèanamh air dà sgìre eile a stèidheachadh far am feumar cead - a' toirt a-steach Baile Inbhir Nis agus cuid de sgìrean dùthchail a' chinn a tuath.

"Tha na figearan a chaidh a chur romhainn aig a' chomataidh sgìreil a' dearbhadh gu bheil, gun teagamh, rudeigin a' tachairt anns a' mhargaidh," thuirt an Comh Bill Lobban.

"Tha coltas ann gun do rinn sinn an rud ceart gus atharrachadh a thoirt air a' chothromachadh a th' ann eadar taighean a tha nan dachannan agus taighean a tha gan cur a-mach air màl ghoirid."