Ceithir troimhe ann an Cupa Leòdhais
Rinn an Rubha a' chùis air Athletic Steòrnabhaigh 2-1
- Air fhoillseachadh
Chaidh am Bac, na Hearadh, an Rubha is an Taobh Siar uile troimhe dhan iar-chuairt dheireannaich de Chupa Leòdhais oidhche Luain.
'S e 3-1 a bh' ann dhan Bhac an aghaidh Chàrlabhaigh is an dà thadhal a bhuannaich an geama dhaibh a' tighinn anns na mionaidean mu dheireadh.
'S e seo an treas turas am-bliadhna a tha na Bacaich air a' chùis a dhèanamh air Càrlabhagh.
Bha e faisg cuideachd ann an Garrabost far an do rinn an Rubha an gnothach 2-1 air Aths.
'S e breab-peabais bho Josh Mac a' Ghobhainn le ochd mionaidean air fhàgail a ghlèidh an geama dha na Rubhaich agus Aths a' call 'son a' chiad uair air an t-seusan seo.
Tha na tadhail bhon gheam sin ri fhaicinn gu h-àrd.
Bha an dà gheama eile gu math nas chofhurtail - na Hearadh a' buannachadh 7-0 an aghaidh United is An Taobh Siar a' cur seachd seachad air na Lochan cuideachd.
Tha seo a' fàgail gum bi na geamaichean san iar-chuairt dheireannaich mar a leanas:
An Taobh Siar - Na Hearadh
Am Bac - An Rubha
Bidh na geamaichean ann Diluain seo tighinn (18/05).
Ron sin bidh aona gheama ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt is Caol Àcainn a' cur fàilte air Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich.
Tha geama mòr cuideachd ann an Cupa Stailearan Bharraigh oidhche Mhàirt is Uibhist a Tuath a' dol an aghaidh Bharraigh aig Pàirc an Eilein Duirche.
Innsidh an geama seo cò thèid an aghaidh Saints an Iochdair sa chuairt dheireannaich.