Dòigh nàdarra ga lorg 'son stad a chur air crìonadh a' chladaich sna h-eileanan

Tha Bàgh Bhatarsaigh air tè de na làraichean a bhios am pròiseact a' feuchainn ri dhìon
- Air fhoillseachadh
Tha pròiseact ùr am Barraigh is Bhatarsaigh ag amas air fuasgladh fhaighinn dhan chron a tha atharrachadh na gnàth-shìde a' dèanamh air cladaichean na dùthcha.
Bidh acadaimigich ag obair le eileanaich airson dòighean nàdarra a lorg airson stad a chur air crìonadh a' chladaich.
Tha mar a tha ìrean mara sa Chuan Shiar ag èirigh agus na stoirmean mòra a bhios a' bualadh air Barraigh is Bhatarsaigh air buaidh mhòr a thoirt air na machraichean.
Tha call talmhainn a' cur ghnothachasan, dachaighean agus làraichean eachdraidheil ann an cunnart.
Le maoineachadh £800,000 bidh eòlaichean bho Oilthigh Cailleannach Ghlaschu, Oilthigh Chill Rìmhinn, Oilthigh Dhùn Èideann agus Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean ag obair còmhla air a' phròiseact, Muir is Tìr, a mhaireas ceithir bliadhna.

Tha criònadh nan cladaichean a' toirt buaidh air Eòlaigearraidh
Bidh an sgioba a' coimhead gu sònraichte air trì làraichean air a bheil crìonadh a' toirt buaidh:
Borgh far a bheil seann chladh
Eòlaigearraidh a tha na sgìre croitearachd
Bàgh Bhatarasaigh far an deach na h-uimhir de na coileagan gainmhich a chall

Tha buaidh atharrachadh na gnàth-shìde a' lagachadh na talmhainn timhcheall air seann Chladh Bhuirgh
Tha Comataidh Chomann Àite-laighe Bhuirgh, a chaidh a stèidheachadh airson an seann chladh a ghlèidheadh, ag ràdh gu bheil iad air an dòigh agus air leth taingeil taic mhòr mar seo fhaighinn.
Thuirt an neach-labhairt aca, Betty McAtear: "'S e làrach fìor chudromach a th' anns a' chladh a thaobh dualchas an eilein.
"Chan e a-mhàin gu bheil fiosrachadh ann mu na ginealaichean a bha ann, tha cuideachd seann dùn ann agus na tha air fhàgail de sheapail a thog na ciad mhiseanaraidhean Crìostail a thàinig.
"Tha am milleadh a rinn na stoirmean a tha a' sìor fhàs nas miosa air na ballachan timcheall air an làraich a' lagachadh 's a' cur tòrr de na h-uaighean ann an cunnart agus tha cruaidh-fheum air obair-chàraidh."

An Dtr Alejandro Gonzalez-Ollauri, an Dtr Heather Lynch and agus an t-Ollamh Slobodan Mickovski a bhios os cionn a' phròiseict
Tha an sgioba acadaimigeach a' cur suim mhòir san eòlas a th' aig muinntir Bharraigh is Bhatarsaigh air iasgach agus croitearachd airson dòighean a lorg gus na cladaichean a dhìon bho chrìonadh.
"Tha sinne a cheart cho feumach air an eòlas acasan 's a tha iadsan feumach air na th' againn de eòlas," thuirt an Dtr Heather Lynch bho Oilthigh Cailleannach Ghlaschu a bhios os cionn a' phròiseict.
"Tha tuinn a' Chuain Shiar agus a' Chuain Sgìth a' sìor bhualadh air cladaichean nan eilean.
"Tha cruaidh-fheum ann air ro-innleachd airson dèiligeadh ri buaidh atharrachadh na gnàth-aimsire, agus dùil ri barrachd thuiltean agus sìde nas blàithe, agus mar a nì am milleadh a thig an cois sin cron air an eaconomaidh ionadail agus beathannan dhaoine."
Cead do stuth YouTube?
Tha stuth Google YouTube an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.