Comhairle do chroitearan air gnothachasan beaga bìdh a thòiseachadh

Tha ùidh a' sìor fhàs ann am biadh ionadail, a rèir Phàdruig Mhoireasdain
- Air fhoillseachadh
Bidh cothrom aig croitearan is tuathanaich ionnsachadh mar a chuireas iad air chois gnothachasan beaga bìdh dhaibh fhèin, le prògram trèanaidh a tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba a' cur air dòigh.
Gheibhear stiùireadh air leithid riaghailtean bìdh, margaidheachd is ionmhas do dhaoine a th' airson tòiseachadh air na tha iad fhèin ag àrach a reic.
Thèid na cùrsaichean a chumail aghaidh ri aghaidh ann an seiseanan, taobh a-muigh feadh na Gàidhealtachd agus ann an Leòdhas, an t-Eilean Sgitheanach agus Sealtainn, le cùrsaichean air-loidhne cuideachd ri fhaotainn.
"'S ann mu dheidhinn a bhith a' toirt seachad fiosrachaidh agus eòlais do dhaoine air mar a bhios iad a' faighinn an stuth aca fhèin gu margaidhean," thuirt Cathraiche Caidreachas na Croitearachd, Pàdruig Moireasdan.
"Mar a chuireas iad còmhla margaidheachd agus gnothachas dhaibh fhèin, brandadh, mar a nì iad rudan mar bhocsaichean feòla.
"No cuideachd air an dara thaobh, mar a dhèiligeas iad ri VAT agus na h-àireamhan sna gnothaichean doirbh a tha siud - agus cuideachd dè an taic-airgid a th' ann dhaibh."

Air an toirt seachad le Jo Hunt bho Knockfarrel Produce, le taic bho Beth Rose bho Birchwood Croft, ruithidh na cùrsaichean thairis air dà là, le turas do ghnothachas croite soirbheachail airson 's gum faic daoine dhaibh fhèin cò ris a tha e coltach.
Thèid seiseanan a chumail ann an Srath Pheofhair, Drochaid a' Bhana, Càrlabhagh, Loch Abar agus Dùn Bheagain.
Tha an caidreachas ag ràdh gu bheil ùidh a' sìor fhàs am measg gach cuid chroitearan agus an t-sluaigh ann am biadh ionadail.
"Tha a' mhargaidh ga iarraidh," thuirt Mgr Moireasdan.
"Tha barrachd de dhaoine ag iarraidh biadh fhaighinn gu h-ionadail agus faisg orra, 's mar sin feumaidh sinne a tha a' fàs bheathaichean, no lusan no measan 's an leithid seasamh suas agus feuchainn ri sin a thoirt dha na daoine a tha ag iarraidh sin a cheannach.
"Cuideachd tha daoine ag iarraidh biadh nas fhallaine, agus chan eil sìon nas fhallaine na rudeigin a dh'fhàs dìreach beagan mhìltean sìos an rathad."
Gheibh daoine a tha airidh air taic bho Mhaoin Trèanaidh Phracaigich nan Tuathanach Beaga, Maoin Trèanaidh Phractaigich an Ath Ghinealaich, no Maoin Trèanaidh Phractaigich nam Boireannach ann an Àiteachas ticeadan airson nan seiseanan aghaidh ri aghaidh an-asgaidh.
Tòisichidh na seiseanan trèanaidh san Dàmhair is bidh barrachd dhiubh ann thairis air na mìosan ri tighinn.