Dùil ri Aimeireaganach sa chùirt fo chasaid gun do mharbh e triùir an tubaist air an A9

Ionad Ceartais Inbhir Nis
  • Air fhoillseachadh

Tha dùil gun tòisich cùis-lagha an aghaidh fear-turais Aimeireaganaich a tha fo chasaid gun do mharbh e càraid-phòsta agus an ogha ann an tubaist rathaid air an A9 ann an 2028.

Thathar a' fàgail air Paul Gillcrist, 71, gur e a bu choireach ri bàs Harris Cochrane, a bha dà bhliadhna a dh'aois, Daibhidh Mac a' Phearsain, 68, agus Elza Nic a' Phearsain, 64, faisg air Drochaid Chàrr air an 5mh den Iuchar 2022.

A rèir phàipearan cùirte, tha Mgr Gillcrist, à Carolina a Tuath, fo chasaid gun robh a' draibheadh Mercedes CLA gu cunnartach.

Thathar a' cumail a-mach gun robh e a' failleachadh air smachd a chumail air a' chàr agus gun robh e a' dol san rathad air carbadan a bha a' tighinn an taobh eile.

Thathar a' cur às a leth nach robh smachd aige air a' chàr nuair a bha e a' dèanamh air an t-Sloc, gun deach e tarsainn na loidhne gil, gun deach e far an rathaid agus gun do bhuail e ann am bacadh tubaiste.

A rèir na casaid, bhuail e san Ford Fiesta aig Mgr Mac a' Phearsain agus ann an carbad eile.

Tha na pàipearan cùirte ag ràdh gun deach Mgr Mac a' Phearsain fhìor dhroch leòn agus gun do bhàsaich e aig an làraich.

Chaochail a bhean an Ospadal Rìoghail Obair Dheathain, agus bhàsaich Harris an Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis air là na tubaiste.

Tha casaid eile an aghaidh Mhgr Gillcrist gun robh e a' draibheadh gun chùram air an aon là air diofar rathaidean ann an Dùn Èideann agus air a' Ghàidhealtachd.

Rinn Mgr Gillcrist tagradh neo-chiontachd roimhe gun do dh'adhbharaich e bàs agus droch leòn le bhith a' draibheadh gu cunnartach aig a' chiad èisteachd sa Ghiblean 2024.

Tha dùil gun tòisich a' chùis-lagha na aghaidh a-nis ann an Inbhir Nis sa Ghiblean 2028 an dèidh mar a chaidh dàil air a' chiad cheann-là a chaidh ainmeachadh.

Tha dùil ri èisteachd a bharrachd ron sin sa Chèitean an ath-bhliadhna.