Siostam gus Gàidhlig a thionndadh gu teacsa fosgailte don phoball

- Air fhoillseachadh
Tha siostam ùr gus Gàidhlig labhraichte a thionndadh gu teacsa air ceum mòr air adhart a ghabhail is e a-nis fosgailte don phoball.
Chaidh Èist a dhealbh le Oilthighean Dhùn Eìdeann, Ghlaschu agus UHI an co-bhann le BBC ALBA agus MG ALBA.
Leis an app ùr, taobh a-muigh, faodaidh duine sam bith clàr-fuaime no bhideo a chur a-steach agus gheibh iad tar-sgrìobhadh air ais.
Tha an sgioba air a chùlaibh air a bhith ag obair 'son còig bliadhna gus siostam aithneachadh labhairt a thogail.
Cead do stuth YouTube?
Tha stuth Google YouTube an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.
Tha an t-Oll Will Lamb, a tha os cionn a' phròiseict, ag ràdh gur e ceum fìor chudromach a th' ann gu bheil an teicneolas a-nis ri fhaighinn gu poblach.
"Seo a' chiad uair a tha teicneolas dhan t-seòrsa air a bhith ri fhaighinn ann an app earbsach a tha furasta ri chleachdadh," thuirt e.
Tha e ag obair le bhith a' gliogadh air putan gus faidhle-fuaime no bhideo a chur ris agus bheir e eadar beagan diogan agus mu mhionaid airson sin a chur gu teacsa.
Òran ùr an AI aig ÈIST an Dùn Èideann
- Air fhoillseachadh22 Am Faoilleach
Taic dhidseatach dhan Ghàidhlig air fàire
- Air fhoillseachadh1 An t-Samhain 2021
Bidh sin a' nochdadh air an sgrion cho math ri còdaichean-ama agus e comasach iad sin a luchdadh a-nuas.
Tha sgioba Èist a' dèanamh a-mach gu bheil an teicneolas a' faighinn eadar mu 80 agus 90 faca a-mach à gach 100 ceart sna tar-sgrìobhaidhean a tha a' tighinn a-mach.
Thuirt an t-Ollamh Lamb gu bheil e ag obair nas fheàrr airson cuid de dhualchainntean na feadhainn eile an-dràsta.
Tha e ag ràdh gu bheil sgrùdadh ri dhèanamh cuideachd mu cho math 's a tha e 'son diofar sheòrsaichean ghuthan, an leithid chloinne an coimeas ri inbhich no luchd-ionnsachaidh an taca ri fileantaich.