Buannachd £99m bhon NC500 an-uiridh a rèir aithisg

Bhana-campachaidh a' siubhail ri taobh Loch EuraboilTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Loch Euraboil air a' chost a tuath am measg nan seallaidhean a chìthear air an t-slighe

  • Air fhoillseachadh

Tha rannsachadh ùr a' cumail a-mach gun tàinig buannachd luach £99m bho shlighe an NC 500 an-uiridh.

Thug aithisg, a chaidh a dhèanamh às leth na buidhne NC500 Ltd, sùil air buaidh shòisealta, eaconamach agus àrainneachdail na slighe bho chaidh a stèidheachadh ann an 2015.

Ged a tha e ag ainmeachadh bhuannachdan eaconamach, fhuair an rannsachadh cuideachd gu bheil 61% de dhaoine anns an sgìre gu làidir a' dol às àicheadh gu bheil NC500 Ltd ag obair a chùm maith na sgìre ionadail.

Dh'aidich a' chompanaidh gum feum iad obair a dhèanamh gus beachdan nan daoine seo atharrachadh.

Bhan-campachaidh air slighe an NC500Tùs an deilbh, Getty Images

Tha slighe an NC500 516 mìle de dh'fhaid agus a' toirt a-steach Siorrachd Inbhir Nis, Taobh Siar Rois, Cataibh, Gallaibh, agus Ros an Ear.

Bho chaidh an t-slighe a chomharrachadh mar an NC500 ann an 2015, tha i air luchd-tadhail bho air feadh an t-saoghail a tharraing nam mìltean gach bliadhna.

Tha an rannsachadh ùr a' cumail a-mach gun tug a h-uile £1 a chaidh a chosg air an t-slighe ann an 2025, £36 air ais.

Fhreagair 41% de ghnothachasan gun robh luchd-tadhail bhon t-slighe a' leigeil leotha na h-uairean a tha iad fosgailte a leudachadh agus a bhith fosgailte nas fhaide sa bhliadhna.

Thuirt aon duine anns gach deichnear gun robh iad a' faighinn tuarastail bho bhith a' leigeil a-mach àitichean-fuirich do luchd-tadhail.

Dùbhlain

Sheall an sgrùdadh cuideachd ge-tà, cuid de na dùbhlain a tha mu choinneimh muinntir an àite.

Nam measg, thuirt 90% gu bheil iad air comharran de mhilleadh air an àrainneachd fhaicinn air an t-slighe.

Fhreagair còrr air 50% gum faca iad dràibheadh cunnartach no dràibheadh gun chùram glè thric.

Ri linn na th' air a mholadh san aithisg, tha NC500 Ltd air buidheann-stiùiridh a chur ri chèile gus sùil a thoirt air na h-ath cheumannan ann a bhith a' leasachadh na slighe.

Thuirt cathraiche na buidhne Claire Winskill: "'S e clach-mhìle chudromach a th' anns an aithisg seo airson an NC500 agus airson nan coimhearsnachdan a tha a' fuireach air an t-slighe.

"Tha an rannsachadh a' sealltainn gu bheil an t-slighe fìor chudromach a thaobh a bhith a' brosnachadh teachd-a-steach airson choimhearsnachdan Gàidhealach.

"Ach tha gu follaiseach dùbhlain ann airson muinntir na sgìre agus tha sinn ag aithneachadh gu bheil còrr air 60% de mhuinntir an àite a' faireachdainn nach eil NC500 Ltd ag obair a chùm maith na coimhearsnachd, agus 's e rudeigin a th' ann an sin a dh'fheumas sinn atharrachadh."