Naidheachdan 11:00m
Am Morair Mandelson
Thèid còrr air 1,000 duilleag phàipeir co-cheangailte ri àm a' Mhorair Mandelson mar thosgaire ri na Stàitean Aonachite fhoillseachadh an-diugh fhathast. Thathar a' sùileachadh gum bi teachdaireachdan teacsa eadar e fhèin is ministearan am measg na nochdas. Chaidh a chur às a dhreuchd air sàilleabh a' chàirdeis a bh' aige ris an drabastair Jeffrey Epstein. Tha e a' dol às àicheadh gun do rinn e càil ceàrr.
Iran
Tha Iran ag ràdh gun tug iad ionnsaigh air ionad adhair le arm Ameireagaidh an dèidh dha na Stàitean Aonaichte ionnsaigh a thoirt air targaidean Iranainach thairis air an deireadh-sheachdain. Cha tuirt Iran càite an robh seo ach thuirt Kuwait gun robh an uidheamachd dìon acasan air stad a chur air ionnsaighean dròn is ionnsaighean eile.
Rannsachadh
Tha fear a bha roimhe na Phrìomh Mhinistear Làbarach air Alba, Jack McConnell, air rannsachadh eadar Westminster is Holyrood iarraidh air mar a chaidh airgead a ghoid bho Phartaidh Nàiseanta na h-Alba. Dh'aidich Peadar Murrell - seann àrd oifigear a' phartaidh a tha dealaichte bho Nicola Sturgeon - gun do ghoid e còrr air £440,000 thairis air dusan bliadhna. Tha e airson 's gun coimhead dà chomataidh air a' chùis.
Oifigearan
Chaidh 21 oifigear Poilis a' Mhet a chur air obair chuingealaichte an dèidh chasaidean gu do thuit poilis a bha a' dion an Teaghlach Rìoghail nan cadal agus iad ag obair. Dhearbh an fheachd phoilis gun deach casaidean mì-ghiùlain a thogail an aghaidh 23 oifigear. Cha tèid an dithis eile a chur gu dachaigh Rìoghail sam bith fhad 's a tha rannsachadh a' dol.
Rwanda
Tha cùirt anns an Hague air riaghladh nach fheum an Rìoghachd Aonaichte na milleanan notaichean a phàigheadh do Rwanda leis mar a chuir am Prìomhaire às do phlana nan Tòraidhean cuid de luchd-siridh comraich a chur a-null ann. Thuirt Rwanda gun robh iad air airgead a chosg ag ullachadh mu choinneamh nam planaichean. Thuirt luchd-lagha a bha a' riochdachadh na Rìoghachd Aonaichte aig Cùirt an Eadar-bhreithneachaidh gun robh e a' dèanamh ciall gun deadh cur às dhan phlana nuair a thàinig am Partaidh Làbarach gu cumhachd anns an Iuchar 2024.