Sitheann an-asgaidh mar dhòigh dèiligeadh ri àireamhan nam fiadh

- Air fhoillseachadh
Gheibh gach dachaigh an iar-thuath Leòdhais cothrom air pasgan làn sìthne an-asgaidh aig deireadh na seachdain seo feuch a bheil i a' còrdadh riutha.
Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn airson cothrom a thoirt do dhaoine blasadh air an fheòil agus iad a' coimhead ri a reic fhathast mar aon dòigh smachd fhaighinn air na tha de dh'fhèidh.
"Tha fios againn gu bheil iad a' dèanamh dragh do dhaoine," tha cathraiche an uachdarain choimhearsnachd, Agnes Rennie, ag ràdh.
"Tha iad air an rathad, tha iad timcheall thaigheann agus tha iad air na lotaichean ag ithe an fheòir," thuirt i.
Fhuair iad còrr is 300 freagairt à ceisteachan a chuir iad a-mach.
"Bha e follaiseach gun robh ùidh mhòr aig daoine ann a bhith a' faighinn sitheann-fèidh, gu h-àraidh ma 's e rud ionadail a bha gu bhith ann," mhìnich Agnes.

Tha na th' ann de dh'fhèidh air na rathaidean agus ann an croitean "a' deanamh dragh do dhaoine"
Tha iad air a bhith ag obair còmhla ri sealgairean agus eòlaichean làimhseachadh feòla airson sgeama a chur air dòigh fom faigh daoine blasad den t-sithinn.
Tha bùidsearan Stòr Chrois ag ullachadh phasganan den fheòil agus bidh fear ri fhaotainn an-asgaidh Dihaoine is Disthairne do gach dachaigh an sgìre Urras Oighreachd Ghabhsainn.
Tha obair mhòr a' dol ann an Gabhsann agus ann an oighreachdan eile feuch mar a ghabhas lùghdachadh a thoirt air àireamh nam fiadh air na mòintichean.
"Tha sinn fhathast a' coimhead ri dòighean air cothroman barrachd de na fèidh a bhith air am marbadh agus barrachd den fheòil a thig às an sin a bhith air a cleachdadh gu h-ionadail," thuirt Agnes.
Leis nach eil e ceadaichte carcais nam fiadh a ghearradh san taigh-spadaidh ann an Steòrnabhagh, 's e an ath-cheum aca goireasan a stèidheachadh gu h-ionadail far an gabh an fheòil a ghiullachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh1 An t-Iuchar
