Sgoiltean air Ghàidhealtachd a' feitheamh ro fhada 'son sgrùdaidhean a rèir BPA

- Air fhoillseachadh
Thàinig rabhadh bho BPA Albannach Gàidhealach gu bheil na ficheadan sgoiltean san sgìre a' feitheamh ro fhada airson sgrùdaidhean-sgoile.
Tha seo a' tighinn agus data a chaidh fhaighinn fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh a' sealltainn nach eil Luchd-sgrùdaidh an Fhoghlaim air tadhal air 50 sgoil ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd airson còrr is 10 bliadhna.
A thuilleadh air an sin, tha 11 bun-sgoil ann nach eil air a bhith air an sgrùdadh airson còrr is 15 bliadhna.
A rèir BPA Lib Deamach an Eilein Sgiathanaich, Loch Abair agus Bhàideanaich, Anndra Baxter, tha coimhearsnachdan gan leigeil sìos agus tha esan a' sìreadh fhreagairtean mu na beàrnan.
Thuirt e: "Tha mi a' fàs seachd sgìth dhan riaghaltas ag ràdh nach eil seo an urra riuthsan agus gur ann air buidhnean neo-eisimeileach a tha an t-uallach.
"'S ann acasan a tha an t-airgead.
"'S ann orrasan a tha an t-uallach dèanamh cinnteach gu bheil buidhnean a' cumail ris na laghan a tha a' dol tro Phàrlamaid na h-Alba.
"Agus ma tha trioblaidean ann leis na buidhnean neo-eisimeileach, dèilig riutha."
Uallach 'son sgrùdaidhean
Thuirt labhraiche do Riaghaltas na h-Alba gur ann air Luchd-sgrùdaidh an Rìgh airson Sgoiltean a tha an t-uallach airson sgrùdaidhean-sgoile.
Tha cho tric 's a tha sgrùdaidhean gan dèanamh agus mar a tha iad gan dèanamh mar phàirt dhan seo.
Thuirt iad cuideachd ge-tà gu bheil cumhachdan aig ministearan riaghailtean a chur an sàs a thaobh an àireamh de sgrùdaidhean bu chòir a bhith a' tachairt aig a' char as lugha agus gu bheil co-chomhairle a' leantainn air an sin an-dràsta.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach urrainn dhaibh càil a ràdh mun chùis leis gur e buidhean neo-eisimeileach a th' ann an Luchd-sgrùdaidh an Rìgh airson Sgoiltean.