Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun lean seirbheis comraiche do bhoireannaich a-mhàin

Chaidh draghan a thogail an-uiridh mu ìrean maoineachaidh san àm ri teachd
- Air fhoillseachadh
Leanaidh seirbheis comraiche fa leth do bhoireannaich a dh'fhuiling dochann san dachaigh air a' Ghàidhealtachd, a rèir ùghdarras ionadail na sgìre.
Nochd draghan mu mhaoineachadh nan seirbheisean an dèidh do Chomhairle na Gàidhealtachd ath-sgrùdadh a dhèanamh orra.
Dh'iarr am ball neo-eisimileach do Chùl Lodair agus Àird nan Saor, Morven Reid, dè an suidheachadh as ùire a bh' ann nuair a choinnich Comataidh Slàinte, Sunnd agus Cùraim Shòisealta na comhairle Diciadain.
Thuirt oifigich gun leanadh an t-seirbheis do bhoireannaich a-mhàin.
San t-Samhain, thòisich Comhairle na Gàidhealtachd ath-sgrùdadh air na cùmhnantan airson ceithir buidhnean-taice do bhoireannaich - Inbhir Nis, Loch Abar, Siorrachd Rois is an t-Eilean Sgitheanach agus Cataibh is Gallaibh.
Bha a' chomhairle a' beachdachadh aig aon àm air am bu chòir atharrachadh a thoirt air a' mhaoineachadh gus cùmhnant a thoirt do dh'aon bhuidheann a-mhàin airson na sgìre air fad agus an t-seirbheis fhosgladh do dh'fhir.
Thuirt Buidheann-Taice nam Ban an Inbhir Nis nach robh airgead aig na buidhnean airson coinneachadh ris na bhiodh a dhìth fon mhodail ùr a bhathar a' moladh agus thug iad rabhadh gur dòcha gum biodh aig seirbheisean ri dhùnadh sìos.
Gealltanas bho Chomhairle na Gàidhealtachd air còmhraidhean mu thaic do bhoireannaich
- Air fhoillseachadh12 An Dùbhlachd 2025
Leanaidh comraiche do bhoireannaich a-mhàin air a' Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh5 An Gearran
Thuirt oifigich Diciadain gun deach trì de na ceithir cùmhnantan a thoirt seachad gun ach fear na Gàidhealtachd a deas ri thoirt seachad fhathast. Chaidh an ceann-là airson co-dhunadh mun sin a leudachadh gu deireadh an Ògmhios.
Bha comhairliche Lib Deamach a' Chaoil agus Mhalaig, John Grafton, riaraichte leis an fhiosrachadh ach thog e draghan mu na bhios ann de mhaoineachadh.
Thuirt e gun deach innse dha gum "b' fheudar dhaibh aon neach-obrach a chall" ann an Loch Abar air sgàth dhuilgheadasan maoineachaidh.
Dh'fhaighnich e: "A bheil sinn a' dol a choimhead air àrdachadh a thoirt air a' mhaoineachadh airson seirbheisean nam ban?"
Thuirt oifigich gun robh na cùmhnantan ùra nas "sùbailte" agus gun robh a-nis cothrom aig na buidhnean-taice maoineachadh co-ionann a shireadh a bharrachd air na cùmhnantan aca.
Thuirt cathraiche na comataidh, Dàibhidh Friseal, gum faigheadh comhairlichean an còrr fiosrachaidh san Lùnastal.