Poilis a' cuideachadh casg theintean sa Mhonadh Ruadh

Rinn droch theine an-uiridh sgrios air sgrìob mhòr de Mhòinteach an Damhath
- Air fhoillseachadh
Tòisichidh oifigearan poilis a' cuairteachadh cuide ri maoir dhùthcha ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh air an deireadh-sheachdain airson dèanamh cinnteach gu bheil fo-lagh an aghaidh theintean ga chumail.
Tha am fo-lagh ag amas air stad a chur air teintean monaidh san sgìre, an dèidh fìor dhroch theine air Mòinteach an Damhath an-uiridh, a mhair ceithir làithean, 's a rinn sgrios farsainn.
Tha casg a-niste air teintean sòisealta is BBQ taobh a-staigh na Pàirce Nàiseanta bhon 1mh là den Ghiblean chun an 30mh là den t-Sultain gach bliadhna.
Air an deireadh-sheachdain seo thèid maoir-dhùthcha a-mach còmhla ri Poileas Alba ann an Gleann Dè agus sa Ghleann Mhòr anmoch air an oidhche gus dèanamh cinnteach nach eil daoine a' lasadh theintean.
Ged a tha na h-ùghdarrasan air ceumannan leithid seo a ghabhail roimhe, seo a' chiad bhliadhna a tha na poilis a' cur taic riutha.
Is ma thèid daoine a ghlacadh a' lasadh theintean no le BBQ, thèid càin suas ri £500 a chur orra.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh1 An Giblean

- Air fhoillseachadh9 An Giblean 2025
