"Urram mòr" dha MacLachlainn a bhith os cionn cuairt dheireannach Chupa na Camanachd

Bha Steaphan MacLachlainn na rèitire aig cuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais ann an 2025
- Air fhoillseachadh
'S e Steaphan MacLachlainn à Baile a' Chaolais an rèitire a bhios os cionn cuairt dheireannach Chupa na Camanachd eadar Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich.
Tha Mgr MacLachlainn air a bhith na rèitire bho 2017 is thuige seo bha e os cionn chuairtean deireannach ann an Cupa MhicThàmhais, Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu is Cupa Shràth Èireann.
'S e seo a' chiad turas a nì e cuairt dheireannach Chupa na Camanachd.
"Tha mi air mo dhòigh, 's e urram mòr a th' ann agus bidh thu ag obair ga ionnsaigh mar rèitire," thuirt Steaphan.
"Tha mi gu math moiteil cuideachd gur e rèitire eile à Baile a' Chaolais a th' annam a tha a' faighinn an urraim a tha seo."
Bha Mgr MacLachlainn anns na naidheachdan ann an 2024 nuair a thàinig greim-cridhe air nuair a bha e os cionn geama eadar Cabar Fèidh is Ceann Loch Seile.
Rinn Conor Cormack is Cè MacRath aig Ceann Loch Seile, a tha ri chèile nan smàladairean, cobhair air le defibrillator.
"Fhuair mi tòrr taice bho thòrr dhaoine thar nam bliadhnaichean, is mura b' e tòrr dhaoine cha bhithinn an seo an-diugh 'son an t-urram a tha seo fhaighinn," thuirt Steaphan.
"Tha e a' ciallachadh na h-uimhir dhomh gu bheil mi gu bhith os cionn a' gheama as motha ann an seusan na h-iomain."
Bidh a' chuairt dheireannach ann Disathairne an 19mh den t-Sultain aig Pàirc Mossfield san Òban.
Bidh e beò air-loidhne air BBC Naidheachdan, air BBC Radio nan Gàidheal, is air BBC ALBA.