Duaisean do Chounty

Thill Brian Greumach gu Ross County 'son an treas turas as t-samhradh
- Air fhoillseachadh
Chaidh toiseach-tòiseachaidh làidir Ross County air an t-seusan seo aithneachadh is Stuart Kettlewell is Brian Greumach air an ainmeachadh mar Mhanaidsear agus Chluicheadair na Mìos 'son an Lùnastail.
Bhuannaich County na ceithir geamaichean lìge a bh' aca san Lùnastal is iad cuideachd air adhartas a dhèanamh ann an Cupa na Lìge.
Tha Brian Greumach air a bhith am measg nan tadhal às dèidh dha tilleadh gu Inbhir Pheofharain toiseach an t-samhraidh is naoi tadhal aige thuige seo anns gach farpais.
"Tha mi uabhasach toilichte an duais fhaighinn, ach fhuair mi e mar thoradh air an obair a tha a' dol air adhart air feadh a' chluba," thuirt Stuart Kettlewell.
Thàinig na duaisean is County ag ullachadh airson geama mòr ann an Inbhir Pheofharain Disathairne an aghaidh Hibs sa chairteal chuairt dheireannaich de Chupa na Lìge.