Eilginn ag ullachadh 'son a' chiad Mhòd Ionadail riamh am Moireibh

Tha Fiona NicCoinnich an dòchas gun tig fàs air an deagh bhun-stèidh a th' ann an ath-bhliadhna
- Air fhoillseachadh
Tha an t-ullachadh mu dheireadh ga dhèanamh ann am Moireibh agus a' chiad Mhòd Ionadail riamh san sgìre gu bhith ga chumail ann an Eilginn Dihaoine.
Tha buidheann Gàidhlig air a bhith stèidhichte ann an Eilginn airson bhliadhnaichean a-niste, a' cumail chlasaichean agus a' frithealadh air an ùidh a th' aig cuid sa chànan agus ann an cultar nan Gàidheal.
Chaidh mòd a mholadh mar phàirt de Phlana Gàidhlig Comhairle Mhoireibh is thàinig dearbhadh an-uiridh gum biodh an tachartas ann am-bliadhna.
"Tha sinne airson Gàidhlig a sgaoileadh gu na beàrnan ann an Alba far nach eil mòdan no tòrr thachartasan Gàidhlig ann," thuirt Fiona J NicCoinnich, a tha na h-oifigear mhòdan ionadail aig a' Chomunn Ghàidhealach.
"Tha mi fhèin cho toilichte gum bi mòd ann an Eilginn air sgàth 's gur ann às an sgìre fhèin a tha mi fhèin.
"Ann an dòigh tha mi a' faireachdainn gu bheil mi a' tighinn dhachaigh."
Dòchas gun tig Mòd ionadail an cois phlana ùr Ghàidhlig Comhairle Mhoireibh
- Air fhoillseachadh21 An Cèitean 2025
Mòd Ionadail gu bhith ann am Moireibh airson a' chiad uair
- Air fhoillseachadh29 An t-Sultain 2025
Ged a tha an sgìre an-diugh aithnichte airson Albais, tha dualchas làidir Gàidhealach a' dol air ais linntean ann, agus an cànan fhathast ri chluinntinn san sgìre san 20mh Linn.
Tha ainm na siorramachd fhèin, Moireibh, a' tighinn bho "Muir Threabh" - treabhadh cois na mara, agus tha ainm prìomh bhaile na sgìre, Eilginn, air fear de chòig ainmean traidiseanta na h-Èireann.
Tha iarrtas gu leòr air a bhith ann 'son an tachartais ùir, a rèir choltais, agus mòran air cur a-steach airson nam farpaisean.
"Tha tòrr phìobairean ann, tha còisirean ann - dà chòisir sgoile agus còisir eile, seinneadairean, bàrdachd, cluich ionnsramaidean ciùil agus òrain ghnìomha bhon sgoil-àraich," thuirt Fiona.
"Tha faisg air 60 iarrtas ann - agus airson a' chiad turas tha sin uabhasach math!"

Air a' bhun-stèidh sin, tha Fiona misneachail gun tig fàs air a' mhòd ionadail san sgìre sna bliadhnaichean a tha romhainn.
"Tha mi an dòchas gum bi e a' fàs an ath-bhliadhna, agus a-niste tha am fiosrachadh aig ballrachd na comataidh, 's tha fhios aca dè bu chòir dhaibh a bhith a' dèanamh," thuirt i.
"Tha iad air a bhith ag ionnsachadh tòrr mu mar a tha mòdan a' ruith, agus cuideachd bidh fiosrachadh ga sgaoileadh dhan a h-uile àite eile ann an Alba mu dheidhinn.
"Bidh na còisirean inbheach a' tighinn cuideachd tha mi an dòchas an ath-bhliadhna, agus cuideachd barrachd fharpaiseach inbheach cuideachd airson seinn."
Gheibhear fiosrachadh mu na tha gu bhith dol aig Mòd Mhoireibh air duilleag Facebook na fèise, taobh a-muigh, le tachartasan gan cumail eadar Talla Bhaile Eilginn agus Eaglais na Trìanaid Dihaoine an 11mh là den t-Sultain.