Fireannach air murt fhir eile an Inbhir Nis aideachadh

Càr poilis faisg air far an deach Iain MacPhàrlain a mhurt ann an Inbhir Nis
  • Air fhoillseachadh

Dh'aidich fireannach aois 52 gun do mhurt e fear eile ann an taigh ann an Inbhir Nis anns an Dùbhlachd an-uiridh.

Dh'iarr Iain MacPhàrlain, 32, a bha a' fuireach ann an Inbhir Nis ach a bhuineadh do dh'Ullapul bho thùs, air Waldemar Jaronski fuireach anns am flat aige.

Chuala an Àrd-Chùirt ann an Glaschu gur e fear-ciùil tàlantach a bh' ann am Mgr MacPhàrlain a bhiodh an-còmhnaidh a' tabhann taic dhaibh-san a bh' ann an èiginn.

Cheadaich e do Jaronski, aig nach robh dachaigh, fuireach sam flat ach ann an uairean beaga na maidne air an 4mh den Dùbhlachd 2025, thug e ionnsaigh air - an toiseach le sgithinn agus an uair sin le botal glainne.

Thachd Jaronski an uair sin e agus chuir e paidhir dhrathais na bheul.

Thuirt am britheamh, am Morair Mulholland, gur e murt brùideil a bha seo de dh'fhireannach nach b' urrainn e fhèin a dhìon.

Chuala a' chùirt gun do chuir Jaronski fhèin fios air na seirbheisean èiginn agus dh'aidich e na rinn e.

Tha dùil gun nochd e anns a' chùirt a-rithist nas fhaide air adhart air a' mhìos agus tha binn beatha anns a' phrìosan mu choinneamh.

Thuirt teaghlach Mhgr MhicPhàrlain an dèidh na thachair: "'S e duine coibhneil a bh' ann an Iain, aig an robh liut mar fhear-ciùil agus bha e air leth pròiseil mar Ghàidheal.

"Cha ghabh naidheachd dèanamh air a' chall a bhios a h-uile duine a bha eòlach air a' faireachdainn."