Fianais air Machair a' Chùil

  • Air fhoillseachadh
Machair a' Chùil
Fo-thiotal an deilbh,

Machair a' Chùil

Chaidh eòlaichean glèidhteachais cliùiteach a ghairm gus fianais a thoirt dhan rannsachadh phoblach air raon goilf connspaideach ann an Cataibh.

Bidh an rannsachadh mun raon a tha san amharc air Machair a' Chùil, faisg air Dòrnach, ann sa Bhliadhn' Ùir.

Tha luchd-glèidhteachais a' dèanamh dheth gur e àrainneachd luachmhor a th' anns an làraich.

Bhiodh raon goilf a' Chùil - le ochd toll deug - air feadh 800 acaire den chost an ear faisg air Dòrnach.

Ach tha e air a bhith connspaideach bho chaidh bruidhinn air an toiseach ann an 2015.

'S e fear-gnothaich Aimeireaganach - Todd Warnock - a th' air a' chùl.

Caidreachas a-measg a' chonnspaid

Tha seachd buidhnean glèidhteachais air tighinn còmhla na aghaidh fon ainm An Caidreachas Glèidhteachais. Bhèir iad fianais dhan rannsachadh phoblach an ath-bhliadhna.

Tha iad ag ràdh gun rachadh machair a tha prìseil a chall.

Thuirt fear de na fianaisean a chaidh a ghairm - an t-Ollamh Cailean Mac a' Bhreatannaich - a bha uair na stiùiriche air Dualchas Nàdair na h-Alba - gu bheil Machair a' Chùil cudromach gu h-eadar-nàiseanta, agus gum bu chòir a dhìon bho leasachadh mì-iomchaidh.