Cabhag ga h-iarraidh mu làrach a' Chùil ann an Cataibh

Machair a' Chùil
  • Air fhoillseachadh

Tha càineadh ga dhèanamh air cho fada 's a tha e a' toirt do Riaghaltas na h-Alba co-dhùnadh a dhèanamh co-dhiù faodar raon-goilf a thogail air talamh an cois a' chladaich ann an Cataibh.

Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead do dh'iarrtas an raon-goilf a stèidheachadh aig a' Chùl, faisg air Dòrnach, san Dùbhlachd 2023, ach chaidh an co-dhùnadh sin a ghairm a-steach le Riaghaltas na h-Alba.

Thuirt ministearan roimhe gum biodh co-dhùnadh ann ro dheireadh na bliadhna an-uiridh, ach cha do thachair sin fhathast.

Anns an eadraiginn, tha athchuing a chuir an RSPB air dòigh an aghaidh nam planaichean air còrr air 20,000 ainm a thrusadh.

Tha co-bhanntachd de bhuidhnean glèidhteachais a-niste ag iarraidh cabhag air a' ghnothach, 's iad ag ràdh nach eil iad a' tuigsinn ciamar a thàinig maill air.

"Tha sinn beagan troimhe-chèile, oir chan eil deasbad ann mun fhianais eic-eòlasach," thuirt Bruce Wilson, a tha na cheannard poileasaidh aig Urras Fiadh-bheatha Bheatainn, a tha nam pàirt den Cho-bhanntachd Ghlèidhteachais.

"Tha dragh mòr air comhairliche nàdair an Riaghaltais fhèin, NàdarAlba, agus tha sinn a' cothromachadh seo mu choinneimh aithneachadh nàiseanta is eadar-nàiseanta gun samhail air an èiginn eic-eòlasaich a tha romhainn," thuirt e.

Tha Mgr Wilson ag aithneachadh gur e co-dhùnadh doirbh a th' ann, ach thuirt e gu bheil an lagh a' ciallachadh gu bheil targaidean glèidhteachais rin coileanadh san aithghearrachd.

"Tha targaidean againn air fàire cho faisg ri 2030 - feumaidh sinn gnìomh air na rudan seo," thuirt e.

"Tha e air a thoirt cho fada a-niste 's nach eil sinn buileach cinnteach.

"Ach 's e an dòigh san glèidhear làrach do nàdar 'son an ama ri teachd - gun a bhith a' togail raoin-ghoilf air.

"Dh'iarramaid air an Riaghaltas an co-dhùnadh doirbh a dhèanamh, 's le cabhag."

Thuirt labhraiche às leth Riaghaltas na h-Alba: "Leis gur e iarrtas dealbhachaidh beò a tha seo, cha bhiodh e iomchaidh dhuinn beachd a thoirt seachad agus thèid an co-dhùnadh innse an ceann ùine."

Thuirt a' chompanaidh air cùlaibh a' phlana raon-goilf a thogail, Coimhearsnachdan airson a' Chùil, gu bheil làn-mhisneachd aca gun cuir an t-iarrtas, ma gheibh e cead, dìon agus slànachadh air àrainneachd a' Chùil, a chùm buannachd a' mhòir choimhearsnachdan ionadail, 's gun cuir e gu mòr ri maith ionmhasail na h-Alba.