Moladh plana a' Chùil a dhiùltadh

  • Air fhoillseachadh
A' ChùilTùs an deilbh, Alison Searl/RSPB Scotland

Thathas a' moladh do chomhairlichean na Gàidhealtachd plana 'son leasachaidh ghoilf ann an Cataibh a dhiùltadh.

Ann an aithisg a thèid air beulaibh chomhairlichean an ath-sheachdain, tha oifigich ag ràdh gum biodh fìor dhroch bhuaidh aig an leasachadh air an àrainneachd.

Tha na h-Aimeireaganaich Todd Warnock is Mike Keiser airson raon aig àrd-ìre a thogail aig a' Chùil, eadar Eurabol agus Loch Fleòid.

Bhiodh raon le 18 tuill ann is an luchd-leasachaidh ag ràdh gun rachadh 250 dreuchd a chruthachadh, is gun cuireadh seo £60m ri eaconomaidh Chataibh sa chiad deich bliadhna.

Thog sreath de bhuidhnean draghan mu na planaichean bho thùs is iad ag ràdh gum biodh droch bhuaidh air talamh machrach.

Dìon

Tha inbhe shònraichte SSI is SPA aig Loch Fleòid.

Tharraing SEPA na gearainean acasan ge-tà, is tha SNH air a h-uile gin de na gearainean a bh' aca a chur an dàrna taobh, ach a-mhàin fear mun bhuaidh air dùin ghainmhich san sgìre.

Thuirt Mike Keiser an uairsin gun robh e dòchasach gun rachadh cead a thoirt seachad.

Ach tha oifich ag ràdh gun cuireadh an leasachadh mar a tha e air a dhealbh às do chuid de na dùin ghainmhich, le buaidh cuideachd air fiadh-bheatha.

Tha iad ag ràdh gum bu chòir do chomhairlichean an t-iarrtas a dhiùltadh.

Beachdaichidh comhairlichean air an iarrtas is aithisg nan oifigeach Dimàirt an 5mh den Ògmhìos.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh