Leudachadh air cosgaisean pàircidh aig làraichean turasachd an Loch Abar

Bidh casg air bhanaichean-campachaidh air an oidhche aig na pàircean-chàraichean far an tèid na riaghailtean ùra a chur an gnìomh
- Air fhoillseachadh
Bidh casg air bhanaichean-campachaidh bho bhith a' cur seachad na h-oidhche aig grunn phàircean-chàraichean an Loch Abar mar phàirt de shiostam pàircidh ùr.
Dh'aontaich buill Comataidh Sgìreil Loch Abair Diluain riaghailtean agus cosgaisean ùra a chur an sàs sna raointean-pàircidh as motha a tha a' tarraing luchd-turais.
Chaidh 10 làraichean Comhairle na Gàidhealtachd a chomharrachadh - sa Ghearasdan, Gleann Èite agus Gleann Nibheis nam measg.
Tha dùil gum bi aig draibhearan ri pàigheadh airson pàirceadh annta bhon t-samhradh seo.
Chan e a-mhàin gun toir e teachd a-steach do Chomhairle na Gàidhealtachd, tha dùil cuideachd gum biodh e na bu chothromaiche do dhaoine a tha a' sireadh àite pàircidh aig amannan trang.
Fo na riaghailtean ùra bidh casg air daoine bho bhith a' pàirceadh air an oidhche eadar 10:00f agus 8:00m.
Thuirt Ceit Willis, Cathraiche Comataidh Sgìreil Loch Abair: "'S aithne dhuinn cho tarraingeach 's a tha na prìomh làraichean seo tro àirde seusan na turasachd, agus le bhith a' toirt a-steach riaghailtean bidhear cuideachd a' cur stad air pàirceadh mì-laghail le carbadan-campachaidh.
"Tha mi gu sònraichte a' cur fàilte air gum bi 50% den teachd a-steach bho na làraichean comharraichte a' tilleadh a Loch Abar airson pròiseactan ionadail."
Ma thèid gabhail ris an Òrdugh Trafaig a dh'fheumar airson na cosgaisean ùra a chur an sàs, tha dùil gun tòisich an siostam ùr uaireigin san Ògmhios neo san Iuchar.