Naidheachdan 11:00m

Starmer

Tha an Seansalair Rachel Reeves air rabhadh a thoirt gun cuireadh farpais airson ceannas air a' phàrtaidh Làbarach an dùthaich ann am bùrach eagalach agus gun cuireadh e an eaconamaidh ann an cunnart. Tha feadhainn a tha faisg air Rùnaire na Slàinte Wes Streeting ag ràdh gum b' urrainn dha seasamh an aghaidh a' Phrìomhaire an-diugh fhèin.

Angela Rayner

Dh'innis Angela Rayner gu bheil i air cùis na cìse aice le Roinn na Cusbainn 's na Cìsean a rèiteach. Bha e co-cheangailte ri na phàigh i ann an cìs stampa air flat ùr. Dh'fhàg i dreuchd an Leas-Phrìomhaire anns an t-Sultain ri linn an t-suidheachaidh leis am flat a chosg £800,000 ann an Hove. Tha seo a' ciallachadh gum faodadh i seasamh sa bhaileat airson ceannas nan Làbarach nan togradh i.

Oifigear-riaghlaidh

Taghaidh Holyrood oifigear-riaghlaidh airson seisean ùr na pàrlamaid an dèidh dha na buill ùra na bòidean aca a ghabhail. Tha na tagraichean a tha a' seasamh ag ràdh gu bheil iad airson deasbadan a dhèanamh nas beòthaile.

Trump

Thuirt Dòmhnall Trump gu bheil bliadhnaichean sgoinneil gu bhith aig na Stàitean Aonaichte agus aig Sìona còmhla an dèidh dà uair a thìde de chòmhraidhean ann am Beijing. Thuirt an Ceann-suidhe Xi gum bu chòir dhaibh a bhith nan com-pàirtichean an àite nan nàimhdean.

GDP

Tha na h-àireamhan as ùire a' sealltainn gu bheil eaconamaidh na Rìoghachd Aonaichte air fàs 0.6% anns na trì mìosan aig toiseach na bliadhna. Bha seo nas fheàrr na bha cuid de dh'eòlaichean a' tomhas. Tha a' chiad mhìos de chogadh Iran air a ghabhail a-steach anns a' chairteal seo.

Caolas Hormuz

Chaidh aithris gun deach soitheach faisg air Caolas Hormuz a ghlacadh le buidheann air choireigin agus gu bheil i a-nis a' dèanamh air uisgeachan Iorànianach. Thuirt Ionad Malairt Mara na Rìoghachd Aonaichte gun deach am bàta a ghlacadh fhad 's a bha i air acair far chosta an UAE. Tha Ioran air a bhith a' cur bacadh air bàtaichean o bhith a' gluasad tron Chaolas.