Loganair a' coimhead air itealain hàidhbriod-dealain

- Air fhoillseachadh
Coimheadaidh Loganair air cho comasach is a bhiodh e itealain hàidhbriod-dealain a chleachdadh tro aonta ùr le companaidh thogail phleanaichean às an t-Suain.
Tha Heart Aerospace ag obair an-dràsta air an ES-30, pleana hàidhbriod-dealain is urrainn 30 luchd-siubhail a ghiùlain.
Tha a' chompanaidh Shuaineach ag ràdh gum faodadh an ES-30 eimiseanan carboin a lughdachadh gu mòr.
Thuirt Àrd-Oifigear Loganair, Luke Farajallah, gur e ceum cudromach a tha seo don chompanaidh agus don ghnìomhachas sgèith san Rìoghachd Aonaichte.
"Tha an t-aonta seo le Heart Aerospace a' toirt còmhla dà chompanaidh a th' airson eimiseanan a lùghdachadh ann an dòigh reusanta is brìoghmhòr agus tha sinn a' faicinn gum bi an ES-30 gu math cudromach ann a bhith a' dèanamh seo," thuirt e.
Mar phàirt dhen chom-pàirteachas bruidhinnidh Loganair agus Heart ri riaghaltasan na h-Alba, na Rìoghachd Aonaichte agus ri puirt-adhair mu na buannachdan an luib na dòigh sgèith seo.
Bidh e comasach dhan ES-30 siubhal 200km air cumhachd an dealain a-mhàin agus 400km air cumhachd hàidhbriod le 30 luchd-siubhail air bòrd.
Le 25 luchd-siubhail air bòrd bhiodh e comasach siubhal cho fada ri 800km.
Thèid Loganair cuideachd air Bòrd Comhairleachaidh Heart Aerospace.