Barrachd dhuaisean na bh' ann riamh aig FilmG a-nochd

- Air fhoillseachadh
Thèid duaisean FilmG a thoirt seachad a-nochd aig an SEC ann an Glaschu agus dùil gum bi còrr is 400 neach an làthair.
Am-bliadhna, tha roinnean ùra ann do dhaoine fo 12, deugairean eadar 12 agus 18 agus do dhaoine nas sine na 18.
Thèid cuideachd barrachd dhuaisean a thoirt seachad na chaidh a-riamh roimhe.
A rèir Stiùiriche Phròiseact FilmG, Murchadh MacSuain, tha na h-àireamhan air a bhith fallain airson bhliadhnaichean a-nis agus stèidhich iad na roinnean ùra airson cothrom a thoirt do chloinn anns a' bhun-sgoil.

FilmG: "Neart agus farsaingeachd de thàlant" a' tighinn troimhe
- Air fhoillseachadh7 An Cèitean
"Cha robh farpais againn a dh'aona-ghnothach dha na bun-sgoiltean," thuirt e.
"Airson an fhìrinn innse, 's ann air na deugairean as sine agus na h-inbhich òga a tha sinn ag amas.
"Mar sin, bha sinn airson cothrom a thoirt dhaibh a thighinn a-steach dhan fharpais ach cuideachd a bhith a' dìon na farpais airson deugairean.
"Tha sinn a' lorg tàlant airson saoghal nam meadhanan Gàidhlig. Mar sin, chan e iadsan a tha 10 no 11 a tha sin, ach iadsan a tha 's dòcha eadar 17 agus 19.
"Tha sùil aig a h-uile duine sna meadhanan Gàidhlig air cò tha a' tighinn troimhe 's dè tha iad a' dol a dhèanamh. Tha e feumail san dòigh sin."
'S e pròiseact leasachaidh a th' ann am FilmG, a rèir Mhurchaidh.
"Tha sinne ag iarraidh fiolmaichean nach eil math cuideachd. Tha sinn ag iarraidh gum fàs daoine nas fheàrr."
"Tha sgeulachdan agus fiolmaichean uabhasach math againn. Ach 's e gum fàs iad nas fheàrr agus gum faigh iad taic, brosnachadh agus leasachadh thar nam bliadhnaichean."
Thèid cùirm na h-oidhche nochd a chraoladh beò air YouTube BBC ALBA agus air duilleag Facebook FilmG.